Teaching Fellow in Gaelic / Neach-Teagaisg na Gàidhlig

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Taylor Building, Aberdeen
  • Posted 7 days ago
  • Tuarastal / Salary: £33,797- £40,323 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Substantive
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • August 4, 2021

Làrach-lìn / Website aberdeenuniUniversity of Aberdeen

Tha Sgoil Cànian, Litreachais, Ciùil & Cultar Lèirsinnich ag iarraidh Neach-teagaisg fhastadh ann an Gàidhlig aig 0.6FTE gus cur ris an teagasg sna fo-cheumannan le Gàidhlig. Tha e riatanach gum bi an neach san dreuchd comasach air clasaichean labhairteach a lìbhrigeadh aig gach ìre agus comasach air cur ris na ceumannan ann an Eòlas na Gàidhlig ann an dòighean eile a bharrachd.

Thathar an dùil gun tòisich an neach a chuirear san dreuchd aig toiseach na Sultain 2021.

Bidh an neach a chuirear san dreuchd a’ lìbhrigeadh teagaisg is a’ coileanadh measaidhean air cùrsaichean a tha Roinn na Gàidhlig a’ tairgse aig ìre fo-urraim (ìre 1 is 2) agus urraim (ìre 3 is 4). Thig air an neach san dreuchd cuideachd gnìomhachdan sgoilearach agus rianachd roinneil a ghabhail os làimh mar a thèid aontachadh le Co-òrdanaiche a’ Phrògraim Fho-cheuma, Ceannard a’ Bhuidhinn, agus Ceannard Sgoil Cànain, Litreachais, Ciùil is Cultair Lèirsinnich.

Bidh fo-cheum math agaibh ann an Gàidhlig, no teisteanas co-cheangailte ri riatanasan na dreuchd. Bidh Gàidhlig agaibh bho dhùthchas agus eòlas agaibh ann a bhith a’ teagasg a’ chànain do dh’inbhich, eòlas air modhan-cleachdaidh teicneòlas conaltraidh, agus bidh sibh air a bhith an sàs ann an obair sgoilearach a bhuineas don dreuchd. Bidh sgilean conaltraidh sgrìobhte agus labhairteach sàr-mhath agaibh san dà chuid Beurla is Gàidhlig, agus bidh sibh comasach air obair le oileanaich gus ionnsachadh-oileanach a chur air adhart ann an raon de dhòighean eadar-dhealaichte.

Gheibhear tuarastal aig an ìre fhreagarraich de Ìre Phàighidh 6 (£33,797- £40,323 per annum, pro rata) agus faodar an ìre sin aontachadh a rèir theisteanasan agus eòlais.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Further Particulars and Person Specification.pdf

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.abdnjobs.co.uk →