Gaelic Development Officer

Website UrrasOG Urras Oighreachd Ghabhsainn

COTHROM OBRACH

Bi mar phàirt dhan sgioba againn!

Urras Oighreachd Ghabhsainn

Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig

Àite: Oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn, Tom na Bà, Gabhsann bho Dheas, Eilean Leòdhais

 

Tha an obair seo pàirt-mhaoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn (UOG) ag amas air a bhith a’ meudachadh luach eaconomaigeach agus sòisealta cànan agus dualchas na Gàidhlig san Oighreachd, agus thathar an-dràsta ag obair air grunnan phròiseact agus iomairt gus cothroman eaconomaigeach agus sòisealta a bhrosnachadh ann an coimhearsnachd Oighreachd Ghabhsainn.

Tha UOG airson neach fèin-mhisneachail fhastadh airson obrachadh còmhla ri coimhearsnachd Oighreachd Ghabhsainn airson brosnachadh agus taic a thoirt do ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig gus prìomh amasan aithnichte a lìbhrigeadh, m.e. turasachd, slàinte agus sunnd, cùram-chloinne, agus mar sin a’ soillseachadh cho cudromach ’s a tha cànan na Gàidhlig mar dhraibhear sòisio-eaconomaigeach.

The UOG a’ lìbhrigeadh Prògram Seilbh Coimhearsnachd agus thathar a’ sùileachadh gun toireadh an neach soirbheachail taic do bhuidhnean gus cothroman a shireadh an cànan a chleachdadh airson taic a thoirt do chinneas agus leasachadh na buidhne, a’ cur luach ris na tha iad a’ tairgsinn.

Bidh sàr sgilean conaltraidh ann an sgrìobhadh is còmhradh aig an neach a bhios soirbheachail, le fileantas ann an sgrìobhadh agus labhairt sa Ghàidhlig. Dh’fheumar cuideachd eòlas air pròiseactan dualchais agus obair coimhearsnachd.

Tha e riatanach gum bi thu comasach obrach air do cheann fhèin.

 

Ceann-latha airson iarrtasan Dihaoine 23 An Gearran 2018

 

Airson paca-iarrtais cuir fios gu:

Lisa Maclean, Oifigear Leasachaidh Coimeirsealta

Oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn, Tom na Bà, Gabhsann bho Dheas, Eilean Leòdhais, HS2 0SH

 

Fòn: 01851 850393    Post-dealain: office@uogltd.com   Làrach-lìn: www.galsontrust.com

 

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn na chompanaidh earranta, àireamh SC 73903 agus na bhuidheann charthannais, àireamh SC036903

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


Faodaidh tu tagradh a chuir ris an obair seo leis an CB agad leis an ceangail gu h-ìosal / You can apply for this job with your CV with the link below.