
Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig anns an raon às cudromaiche a th’ann am measg an òigridh – a’ cumail taic is brosnachadh ri luchd-labhairt ùr.
Tha CnaG a’ sireadh neach comasach is èasgaidh airson dreuchd chudromach a lìonadh ann an structar a chompanaidh eadar Iomairtean CnaG agus Spòrs Gàidhlig – Oifigear Rianachd.
Tha an gnìomh a tha an cois an dreuchd a tha seo a’ cumail taic ri raon farsaing de dh’obair leasachaidh na Gàidhlig am measg an òigridh.
Tha CnaG air a bhith aig teis-mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig airson dà fhichead bliadhna, bho 1984. Anns an là a th’ann tha fòcas teann aig CnaG air obair-òigridh le bhith a’ lìbhrigeadh prògram ionadail ann an sgìrean air feadh na Gàidhealtachd agus Alba, agus le bhith a’ lìbhrigeadh prògram de thachartasan is cothroman nàiseanta aig diofar ìrean.
Airson sgioba sgaipte, is gnìomh farsaing mar seo tha e air leth-cudromach gum bheil siostaman rianachd làidir aig a chompanaidh, is cuideigin eàsgaidh is comasach an sàs unnta.
Tha sinn a’ lorg chuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh ann an obair òigridh. Bidh an dreuchd a’ crochadh air clàradh soirbheachail le sgeama ‘PVG’ – gach cùid ùrachadh, no clàradh às ùr, a rèir na bhiodh a dhìth.
‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte aig CnaG, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.
Airson còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun dreuchd seo faodaidh sibh post-d a chur sa chiad dol-a-mach gu Marina Mhoireach; marina@cnag.org
NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mharina Mhoireach air an seòladh gu h-àrd.
Ma tha a cheann-là air 9mh Ògmhios na dhuiligheadas dhuibh, leig fios dhuinn ro làimh is gabhaidh sinn beachd air a shìneadh a-mach
