Ro-ràdh dhan dreuchd
A bheil sibh sgoinneil air a bhith a’ planadh ‘s òrdachadh, agus airson an sgil sin cleachdadh aig a’ BhBC?
neo
A bheil sibh làn beachdan airson a Tbh, Rèideo no Air-loidhne?
Math tha ‘seadh’ an freagairt agaibh gu aon den ceistean sin, tha sinn airson cluinntinn bhuat!
Dh’ fhaodadh an Sgeama Preantasachd Riochdachadh again a’ bhith a chiad ceum agaibh gu dreuchd anns na meadhanan.
Thairis air an sgeama, a tha maireann 12 mìosan, faigh sibh treanadh practaigeach fhad ‘s a sibh ag obair airson teisteanas Inbhe 3 ann an Meadhanan Cruthachail agus Digiteach bho an Colaiste Cheilbhinn Glaschu.
De tha sinn a’ tabhann?
- Cùmhnant teirm-shuidhichte 12 mìosan le tuarastal de £14,250 gach bliadhna.
- Treanadh bho acadamaidh a’ BhBC bho luchd-obrach speisealaichte ‘s àrd anns an corporachd, agus neach-riochdachadh neo-cheangailte.
- Teisteanas Inbhe 3 ann an Meadhanan Cruthachail agus Digiteach bhon Colaiste Cheilbhinn Glaschu.
- Meantor anns a’ BhBC airson taic agus comhairle, còmhla leis ar manaidsear tabhann thairis air an preantasachd.
- Seann preantas riochdachadh mar caraid airson barrachd taic.
- Cothroman obair air cuirmean sònraichte aig BBC Alba, mar ‘Hogmanay Live’ agus ‘Children in Need’
Prìomh Uallachdan
Thairis air an sgeama 12 mìosan, bidh an cothrom agad ag obair ann an iomadh àite ann an Tbh, Rèideo, Air-loidhne ‘s Digiteach. A’ bharrachd air obair còmhla leis na sgiobanan Gàidhlig againn, ‘s docha gum bith cothrom agaibh obair le ‘Bitesize’, ‘The Social’, na phrògramman fìrinneach againn (a’ gabhail a-steach Saidheans, Ealain agus Docs), Spòrs, An-dèidh Riochdachadh agus tòrr a’ bharrachd. Bidh cothrom agad ag obair thairis air dhà seòrs de riochdachadh:
Manaidsearachd Riochdachadh: Airson dhaoine le sgilean planadh ‘s òrdachadh mìorbhaileach, agus ag iarraidh taic a’ toirt gu sgiobanan airson dearbhadh gu bheil prògraman a’ ruith gu èifeachdadh. ‘S docha gu bheil sibh a’ gluasad gu obair Cuidiche Manaidsearachd Riochdachadh.
Deasachaidh: Tha an slighe seo a’ leigeil preantasan ag obair anns na sgiobanan deanamh-prògraman againn a dh’ ionnsaigh obair mar neach-rannsachaidh no ruitheadair. Bidh sibh a’ cruthachadh beachdan, a’ leasachadh prògrammann, a’ rannsachadh sgeulachdan no suidheachdan agus a’ sireadh airson co-thabhartaichean.
As deidh greis treanadh tòiseachdail, bidh sibh a’ dol gu measgachadh de àite anns an togalach, le treanadh aig an colaiste agus an acadamaidh a’ BhBC.
Còmhla leis manaidsear an sgeama, bidh manaidsear an sgioba agaibh airson gach sgioba, a’ gabhail uallach air ar shòn.
A’bheil sibhse an neach-iarrtais ceart?
Ma tha ùidh agam anns an sgeama, tha sinn coimhead airson…
Cuideigin le:
- dealas airson na meadhanan agus ‘son a’ bhith ionnsachadh ciamar a tha riochdachadh ag obair
- sgilean obrachadh ann an buidheann
- sgilean òrdachadh math agus fianis de seo air an foirm-iàrrtais
- làn beachdan agus deonach smaoineachadh a-muigh am bogsa
- ùidh ann an prògraman BBC Alba
- comas dèiligach leis an obair anns a’ BhBC aig an aon àm ri obair an colaiste
nach eil planadh an sgeama seo dhèanamh mar ‘bliadhna gap’
Tha an sgeama seo a’ sireadh dhaoine nach eil ceumnaichean. Ma tha teisteanas meadhanan no riochdachadh agaibh, ‘s docha nach eil e air ar ‘shon – tha cothrom ann gu bheil sibh air an treanadh coltach fhaighinn ro seo. Bhithinn toirt pìobrachadh coimhead airson cothroman eile anns a’ BhBC.
Ma tha obair riochdachadh air bhith agad ro seo, bu choir sibh coimhead airson dreuchdan eile nas freagarrach airson an ìre eòlas agad.
Chan eil sinn a’ sireadh CV an drasta, ach bith feum agad air fear ma tha sibh a’ faighinn nas fhada a-steach dhan iarrtais seo.
Airson an Preantasachd Gàidhlig, tha feum agad a’ bhiodh fileanta ann an Gàidhlig.
Air an foirm-iarrtais agaibh, freagair ann an Gàidhlig nuair tha an ceist ann an Gàidhlig. Freagair ann an Beurla nuair tha an ceist ann an Beurla.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.