’S e Bòrd na Gàidhlig buidheann nàiseanta cànain – Buidheann Phoblach Neo-roinneil reachdail aig a bheil grunn dhleastanasan reachdail air am mìneachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (2016).
’S iad prìomh adhbhar agus amasan ro-innleachdail Bhòrd na Gàidhlig:
- meudachadh a thoirt air àireamh nan daoine a chleachdas agus a thuigeas a’ Ghàidhlig;
- daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh agus a’ tuigsinn na Gàidhlig; agus
- a bhith a’ cuideachadh gus cothrom a thoirt do dhaoine, taobh a-staigh agus a-muigh na h-Alba, air a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear a’ cur luach mòr air na buannachdan a dh’fhaodas a bhith ann ma thèid measgachadh farsaing de shuidheachaidhean sòisealta agus eòlas-beatha a riochdachadh air a’ Bhòrd. Cuiridh i fàilte gu sònraichte air iarrtasan bho dhaoine bho choimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta.
Dreuchd Ball a’ Bhùird
Thathar an dùil gun cuidich Buill a’ Bhùird leis an obair a leanas:
- a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain;
- ag obair còmhla ri prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus buidhnean san roinn phoblaich airson cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart, agus a’ comharrachadh chothroman ùra airson obair a dhèanamh ann an com-pàirteachadh le buidhnean sna roinnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach mar a bhios sin iomchaidh;
- a’ cuideachadh le bhith a’ dealbhadh agus a’ leasachadh amasan ro-innleachdail a’ Bhùird, a’ stèidheachadh cheann-uidhe dùbhlanach agus a’ cumail sùil air adhartas leis na cinn-uidhe sin;
- a’ toirt aire cheart dhan stiùireadh a gheibhear bho Mhinistearan na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba;
- a’ cur ri obair aonan no dhà de chomataidhean a’ Bhùird (Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan, agus Comataidh Sgrùdaidh is Stiùireadh Chunnartan);
- a’ cumail sùil air agus a’ cur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
Sgilean agus Eòlas
thathar a’ sùileachadh gum bi luchd-iarrtais a’ coileanadh co-dhiù aon de na Slatan-tòmhais Prìomhachais agus a h-uile gun de na Slatan-tomhais Riatanach.
Slatan-tomhais Prìomhachais
- Tuigse no eòlas air stiùireadh chunnartan, riaghladh ionmhais agus cunntasachd.
- Eòlas air na prìomh dhùbhlain agus chothroman an lùib beatha ann an coimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta.
- An comas coimhearsnachdan dùthchail no eileanach a neartachadh tro dhòighean-obrach a tha stèidhichte air conaltradh agus com-pàirteachadh coimhearsnachd.
- Fìor dheagh thuigse agus/no eòlas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh (bho fhoghlam sgoil-àraich gu ionnsachadh mar inbheach/foghlam adhartach).
- Eòlas air obair a dhèanamh ann an àrainneachd conaltraidh chorporra no nam meadhanan corporra, ’s deagh sgilean-conaltraidh agaibh ann am bruidhinn agus ann an sgrìobhadh.
Slatan-tomhais Riatanach
- An comas Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh, a bhruidhinn agus a thuigsinn gu fileanta.
- Deagh sgilean-conaltraidh eadar-phearsanta/pearsanta, agus an comas air beachdan dhaoine eile a cheasnachadh ann an dòigh mheasail, chuideachail.
- An comas a bhith ag obair mar phàirt de sgioba, ’s sibh a’ togail dhàimhean làidir agus ag obair gus amasan cumanta a ruigsinn.
- Eòlas air obair a phlanadh agus a lìbhrigeadh air bun-stèidh
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreuchd agus faodar tagradh a a chur a-steach air a shon tron cheangal gu h-ìosal.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.