Cathraiche

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Remote
  • Posted 4 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £14,196.96
  • Cùmhnant / Contract: 4 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 4 là gach mìos.
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

’S e Bòrd na Gàidhlig buidheann nàiseanta cànain – Buidheann Phoblach Neo-roinneil reachdail aig a bheil grunn dhleastanasan reachdail air am mìneachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (2016).

’S iad prìomh adhbhar agus amasan ro-innleachdail Bhòrd na Gàidhlig:

  • meudachadh a thoirt air àireamh nan daoine a chleachdas agus a thuigeas a’ Ghàidhlig;
  • daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh agus a’ tuigsinn na Gàidhlig; agus
  • a bhith a’ cuideachadh gus cothrom a thoirt do dhaoine, taobh a-staigh agus a-muigh na h-Alba, air a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig.

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear a’ cur luach mòr air na buannachdan a dh’fhaodas a bhith ann ma thèid measgachadh farsaing de shuidheachaidhean sòisealta agus eòlas-beatha a riochdachadh air a’ Bhòrd. Cuiridh i fàilte gu sònraichte air iarrtasan bho dhaoine bho choimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta.

 

Dreuchd Cathraiche a’ Bhùird

Thathar an dùil ri na leanas:

  • gum bi an Cathraiche, mar phrìomh neach-tagraidh Bhòrd na Gàidhlig, a’ riochdachadh – aig ìre nàiseanta, na Rìoghachd Aonaichte agus eadar-nàiseanta – na buidhne fhèin agus na pàirt reachdail a th’ aice ri chluich ann an coileanadh nan amasan-poileasaidh a th’ aig Ministearan na h-Alba dhan Ghàidhlig;
  • gur ann air a’ Chathraiche a bhios am prìomh dhleastanas airson lìbhrigeadh nan toraidhean a dh’fheumas Ministearan na h-Alba bho Bhòrd na Gàidhlig, agus gun cùm an Cathraiche suas dàimhean-obrach làidir ri Ministearan, leis gur e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig a bhith na phrìomh bhuidheann-chomhairle dhan Riaghaltas air a’ Ghàidhlig;
    gun stiùir an Cathraiche am Bòrd, ’s riaghladh corporra daingeann agus slighe chorporra shoilleir ann do Bhòrd na Gàidhlig fhèin agus dhan luchd-obrach aige;
  • gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard agus do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a thaobh coileanadh nan toraidhean a dh’fheumar bho Bhòrd na Gàidhlig, ’s cultar-obrach ann a bhios stèidhichte air feabhas, leasachaidhean leantainneach, agus luach an airgid phoblaich;
    gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard a thaobh an leasachaidh phroifeiseanta leantainnich aige/aice;
  • gum bi an Cathraiche a’ togail agus a’ cumail suas dhàimhean-obrach làidir ri buidhnean Gàidhlig, ris a’ choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd agus ri farsaingeachd mhòr de bhuidhnean eile, airson co-obrachadh èifeachdach a ruigsinn leis an gabh amasan a’ Phlana Nàiseanta a choileanadh;
  • gum bi an Cathraiche na T(h)osgaire dhan chànan anns na meadhanan, agus ann an conaltradh ri luchd-ùidhe bhon taobh a-muigh.

 

SGILEAN AGUS EÒLAS

Thathar an dùil gum bi luchd-iarrtais a’ coileanadh nan slatan-tomhais riatanach uile gu lèir.

Slatan-tomhais Riatanach:

  1. An comas Beurla agus Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh, a bhruidhinn agus a thuigsinn gu fileanta agus gu misneachail.
  2. Eòlas no tuigse air obair-sgrùdaidh, obair-gèillidh, no cur an gnìomh chumhachdan riaghlaidh.
  3. An comas taic a chumail ri atharrachaidhean aig ìre stiùiridh, agus na h-atharrachaidhean seo a chur an gnìomh.
  4. An comas an co-theacsa ro-innleachdail nas fharsainge a thuigsinn.
  5. Eòlas air co-dhùnaidhean a dhèanamh air bunait fianais, agus tuigse air prìomh riatanasan an lùib riaghladh.
  6. An comas conaltradh èifeachdach a chumail ri farsaingeachd mhòr de luchd-ùidhe airson amasan cumanta agus com-pàirteachasan ro-innleachdail a chruthachadh.

 

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreuchd agus faodar tagradh a a chur a-steach air a shon tron cheangal gu h-ìosal.

Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.