Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra

  • Làn-thìde / Full-time
  • Sùbailte
  • Posted 4 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £48,930 – £61,006 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra.

Tha an dreuchd seo airson dèanamh cinnteach à dealbhadh ro-innleachdail, cleachdadh èifeachdach de ghoireasan, riaghladh math agus leasachadh leantainneach thar obair Bhòrd na Gàidhlig. Cuiridh an dreuchd gu ro-innleachdail ri stiùireadh agus obair BnG, a’ dèanamh cinnteach gum faighear a’ bhuaidh as motha bho ghoireasan, a’ daingneachadh leasachadh leantainneach sa bhuidhinn agus dealbhadh ro-innleachdail a tha a’ toirt a-steach pròiseasan stiùireadh cunnairt gus na toraidhean riatanach a lìbhrigeadh.

Tha na seirbheisean a’ toirt a-steach ionmhas, solar, riaghladh, leasachadh leantainneach, dealbhadh gnìomhachais agus sgrùdadh coileanaidh, stiùireadh cunnairt agus dleastanasan reachdail corporra.

Mar àrd stiùiriche, bidh tuigse làidir agaibh mu na co-theacsan poilitigeach, foghlaim, sòisealta agus deamografach aig obair Bòrd na Gàidhlig agus obair buidhnean com-pàirteachaidh.

Stiùiridh sibh an sgioba corporra gus na prìomhachasan riaghlaidh a lìbhrigeadh mar a tha air am mìneachadh anns na Planaichean Corporra is Obrachaidh.

Bidh sibh ag obair còmhla ri buill eile de Sgioba Ceannardais Bhòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil dleastanasan reachdail, àrd-amasan agus ro-innleachdan BnG air an toirt gu buil.

Bheir sibh stiùireadh agus iùl ro-innleachdail do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ leasachadh raon de phoileasaidhean agus dhòighean-obrach a’ buntainn ri luach as fheàrr, ionmhas agus cùisean corporra. Obraichidh sibh cuideachd còmhla ris na com-pàirtichean lìbhrigidh againn gus dèanamh cinnteach gu bheil stòras iomchaidh aca gus ro-innleachdan agus poileasaidhean BnG a thoirt gu buil, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil buaidh maoineachaidh air ath-sgrùdadh agus air a leasachadh.

Airson tuilleadh fios, gheibh sibh tuairisgeul-obrach gu h-ìosal is ceangal ri foirm-iarrtais airson na dreuchd air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

TO CeannIonmhais Ceitean 21.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.