Prìomh Neach-Deasachaidh (Steall)

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 6 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £1,000 gach 6 miosan
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Iris ùr a th’ ann an STEALL. Bithear ga foillseachadh a h-uile sia mìosan. Bhon thòisich sinn aig deireadh 2016, tha trì irisean air nochdadh – STEALL 01, 02 agus 03. Mur eil thu air iris STEALL fhaicinn, gheibhear leth-bhreacan de STEALL aig www.clar.online. Mholamaid coimhead oirre.

Tha sinn a’ lorg prìomh neach-deasachaidh.

A bheil ùidh agad ann an sgrìobhadh ùr, tùsail? A bheil comas-sgrìobhaidh ann an Gàidhlig agad? A bheil thu adhartach agus misneachail? A bheil beagan eòlais agad air foillseachadh? Ma tha, ma dh’fhaoidte gum bi ùidh agad san dreuchd seo.

Tòisichidh an obair phàirt-ùine ùr seo sa Chèitean 2018. Chan eil uairean “stèidhichte” a thaobh na h-obrach: thathar a’ sùileachadh gun e faisg air 4 uairean san t-seachdain a bhios ann, ged a dh’fhaodadh sin atharrachadh bho sheachdain gu seachdain. ’S e cothrom neo-eisimeileach neo ‘freelance’ a tha seo, air a thabhann le foillsichear STEALL, CLÀR. Pàigheadh? Mu mhìle nòt a h-uile sia mìosan.

Faodaidh tu bhith stèidhichte an àite sam bidh, ged a bhios e feumail ma tha thu stèidhichte an Alba.
Seo beagan fiosrachaidh a bharrachd:

Dleastanasan

Dè bhios romhad san obair?

  1. A’ cur ri leasachadh STEALL, tro obair shònraichte bho latha gu latha, le cuideam air dèanamh cinnteach gum bi gu leòr sgrìobhadh ùr, tùsail, Gàidhlig anns gach iris (a bhios a’ nochdadh dà thuras sa bhliadhna), le bhith mothachail air a) amasan farsaing STEALL agus b) stìuireadh airson na h-iris
  2. A’ comharrachadh agus a’ moladh thèamaichean/chuspairean deasbaid san àm ri teachd ann an STEALL
  3. A’ brosnachadh sgrìobhadairean ùra agus sgrìobhadairean stèidhichte
  4. A’ coimiseanadh stuth far am feumar (me, sgeulachdan goirid neo aistean), an taobh a-staigh de bhuidseat agus a rèir slatan-tomhais STEALL
  5. A’ dèanamh cinnteach gu bheil stuth freagarrach gu leòr eile, agallamhan nam measg, air ullachadh ann an àm airson gach iris
  6. A’ dèanamh a’ chiad breithneachadh air gach artaigil (ficsean agus neo-fhicsean), stèidhichte air slatan-tomhais aontaichte airson STEALL, agus na beachdan sin a chur air adhart chun an fhoillsicheir, CLÀR
  7. A’ sgrìobhadh earrann deasachaidh gu cunbhalach airson gach iris ann an co-bhonn ri CLÀR; agus a’ sgrìobhadh stuthan eile uaireannan ma dh’fheumar
  8. ’ deiligeadh ris na “h-eachdraidhean-beatha beaga” (‘mini biographies’) a nochdas aig deireadh a h-uile iris
  9. A’ dèanamh plana agus ag aontachadh, ann an co-bhonn ri CLÀR, òrdan nan artaigilean anns gach iris
  10. A’ toirt taic do bhuill eile ann an sgioba STEALL (a bhios sa mhòr-chuid ag obair gu saor-thoileach), agus a’ coinneachadh riutha an-dràsta is a-rithist
  11. A’ cur phìosan bàrdachd a thig a-steach air adhart chun an deasaiche bàrdachd aig STEALL airson dearbhadh gu bheil iad freagarrach do STEALL
  12. A’ diùltadh gabhail ri artaigilean nuair a dh’fheumar, agus a’ dèiligeadh gu modhail ri na h-ùghdaran agus ann an dìomhaireachd
  13. A’ bruidhinn ri foillsichearan gus còmhdaichean leabhraichean agus ìomhaighean iomchaidh airson lèirmheasan a lorg, agus cuideachd dealbhan iomchaidh de sgrìobhadairean
  14. A’ dèanamh ceangal ris an sgioba dearbhaidh is deasachaidh aig CLÀR (a bharrachd air ùghdaran artaigilean), gus dèanamh cinnteach gu bheil gach pìos aig sàr ìre
  15. A’ comharrachadh, far am bi sin freagarrach, earrannan iomchaidh airson a bhith air-loidhne/ann an sanasachd
  16. A’ riochdachadh STEALL aig cur air bhog(an) a h-uile iris, nuair a tha cothrom agad sin a dhèanamh

’S ann ag amas air inbhich a tha an iris STEALL: inbhich aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh ùr.  Ann an STEALL, gheibhear measgachadh de sgrìobhadh: steall math de sgeulachdan goirid, bàrdachd, aistidhean, agallamhan, lèirmheasan, dràma agus rosg.  ’S i Gàidhlig na h-Albann cànan STEALL. Chan eil sinn a’ gabhail ri sgrìobhaidhean ann an cànain eile.  Mach le Beurla.

SGILEAN RIATANACH

Tha e riatanach gum bi na leanas fìor mu thagraichean airson na dreuchd:

  • Fileanta ann an Gàidhlig, ga bruidhinn agus ga sgrìobhadh
  • Eòlach air leabhraichean, litreachas na Gàidhlig agus cuspairean an t-saoghail eadar-nàiseanta
  • Eòlach air feallsanachd CLÀR a bhith a’ cur cuideam air foillsichidhean ann an Gàidhlig a-mhàin, agus tuigseach gur e buidheann saor-thoileach a th’ ann
  • Deagh sgilean planaidh agus math air pròiseactan a stiùireadh
  • Comasach air bathar-bog àbhaisteach a chleachdadh, me, Outlook, Word, Excel neo Firefox
  • Cothrom agaibh coimpiutair agus fòn a chleachdadh agus a bhith a’ faighinn phuist-dealain agus brath air fòn ma bhios conaltradh le sgrìobhadair(ean)/CLÀR a dhìth
  • Eòlach air modhan-obrach ceangailte ri dìomhaireachd
  • Deagh sgilean àireamhachd agus tuigse air ionmhas
  • Dearbhadh gun urrainn dhuibh obair a dhèanamh an dà chuid fo ur stiùir fhèin agus ann an sgioba beag
  • Comas beagan siubhail a dhèanamh an Alba

Cha bu chòir obair neo dreuchd ceangailte ri iris eile a bhith aig prìomh neach-deasachaidh STEALL.

ÀITE-OBRACH

Chan eil oifis aig CLÀR. Bidh thu ag obair bhon taigh, neo bho àite a chuireas tu fhèin air dòigh. Bidh coinneamh neo dhà ann còmhla ri muinntir ChLÀR/sgioba STEALL (an Inbhir Nis neo Glaschu/Dùn Èideann) a h-uile iris. ’S dòcha gu feum thu, corra uair, dhol a bhruidhinn ri sgrìobhadairean cuideachd.

COSGAISEAN

Gheibhear cuideachadh le cosgaisean reusanta ceangailte ri siubhal, fòn agus postachd (air aontachadh le CLÀR ro-làimh).

CIAMAR A CHUIREAS MI A-STAIGH AIRSON SEO?

Cuir CV, agus litir ann an Gàidhlig (nas lugha na 600 facal) a’ mìneachadh mar a bhiodh tu fhèin freagarrach airson na dreuchd seo, gu Cathraiche CLÀR, Màiri Rhind, air post-dealain: obair AIG steall DOT info neo leis an fhoirm gu h-ìosal.

Ceann-latha dùnaidh: coig uairean feasgar, Dihaoine 27 Giblean 2018

Bheir CLÀR sùil air iarrtasan goirid as dèidh sin. Ma tha ceistean ro-làimh agad mun dreuchd seo, cuir fios thugainn air post-dealain (seòladh gu h-àrd) agus feuchaidh sinn rim freagairt.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.