Oifigear Conaltraidh is Rianachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • HS8 5SS
  • Posted 4 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £25,000 - £28,000 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 18 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 21
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Cnoc Soilleir a’ coimhead airson cuideigin a thig a dh’obair còmhla ris an sgioba aca air a’ phròiseact ùr, adhartach aca ann an Uibhist a Deas.

‘Se pròiseact a th’ ann eadar Colaiste a’ Chaisteil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Ceòlas Uibhist a chruthaicheas togalach agus goireasan ùra airson an dà bhuidheann ann an Dalabrog. Bidh an togalach aig cridhe Cultar na Gàidhlig, Ceòl Taisbeantas agus gnìomhachasan cruthachail, le goireasan air an dealbh a leigeas leis an dà bhuidheann fàs agus leasachadh, a thuilleadh air a bhith aig cridhe na coimhearsnachd.

Tha Ìre a h-Aon dhen phròiseact ga thogail an-dràst le dùil gum bi e deiseil san Fhoghar 2021.

Thathas ag iarraidh air tagraichean ath-sgrùdadh a dhèanamh air mìneachadh na h-obrach agus an sònrachadh pearsanta a thathas a’ sireadh agus litir tagraidh mhionaideach a chur a-steach, a’ cur a-mach mar a tha iad a’ tighinn a rèir nan slatan-tomhais riatanach agus miannach, còmhla ris an CV aca tron phost no le post-d gu Catherine Yeatman.

Bu chòir dhuibh fiosrachadh (post-d agus àireamhan fòn dithis a chuireas taic ribh, aon a tha na fhastaiche dhuibh an-dràsta no bho chionn ghoirid a chur an cois an tagraidh (cha tèid fios a chuir orra nas lugha na bhios sibh air a’ gheàrr-liosta).

‘Se meadhain oidhche 23mh dhen Chèitean 2021 an ceann-là airson tagraidhean.

Ma tha ceistean air tagraiche sam bith no ma tha iad airson bruidhinn mun dreuchd mus cuir iad iad a- steach tagradh, cuir fios gu Catherine Yeatman.

Thèid agallamhan an cumail dhan fheadhainn air a’ gheàrr-liosta san t-seachdain a’ tòiseachadh 31 Cèitean 2021. Bi iad seo air an dèanamh a’ cleachdadh zoom/teams, no aghaidh ri aghaidh a’ rèir an stiùireadh sna riaghailtean a’ buntainn ri Covid-19 aig an àm.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Cnoc Soilleir, cliog an seo

Tha an dreuchd air a maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.