Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd – Àrd-Sgoil Greenfaulds

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Cumbernauld, Glasgow
  • Posted 5 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £11,000 sa bhliadhna
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna - sa chiad dol a-mach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 17.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig

Oifigear Leasachaidh - Òigridh & Coimhearsnachd - ÀS Greenfaulds

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca a lìonadh.

Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; À-S Greenfaulds – gu bhith na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga.

Airson a mhòr chuid, leanaidh an obair a tha seo anns an sgoil fhèin, ach le ceangal ris a choimhearsnachd mun cuairt.

‘Se dreuchd ùr a tha seo, agus le stiùir bho sgioba ChnaG, is taic bhon sgoil, bithidh cothrom aig an neach a tha seo na beachdan aca fhèin a chuir an sàs a thaobh rudan a ghlacas aire agus ùidh an òigridh.

Tha an obair tha seo ga stèidheachadh ann an compàirt le À-S Greenfaulds agus Comhairle Lànnraig a Tuath,  is le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh faodar fònadh neo post-dealan a chuir gu Marina Mhoireach (seòladh p-d fodha) T: 01851 701802

GHEIBHEAR FOIRM-TAGRAIDH LE BHITH A’ CUR POST-DEALAN GU MARINA MHOIREACH AIR AN SEÒLADH THA FODHA.

Feumaidh tagraidhean a bhith againn ro 5f, Dihaoine 31mh Cèitean.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.