Oifigear Com-pàirteachadh is Gnìomhachd Coimhearsnachd Gàidhlig/Gaelic Community Engagement and Activity Officer

  • Làn-thìde / Full-time
  • Inbhir Nis, Inverness
  • Posted 3 days ago
  • Tuarastal / Salary: £38,000
  • Cùmhnant / Contract: 2.5 years
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • September 29, 2025

Làrach-lìn / Website /Cultarlann Inbhir NisCultarlann Inbhir Nis

Scottish Charitable Company Ltd by Guarantee

Oifigear Com-pàirteachadh is Gnìomhachd Coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Cultarlann Inbhir Nis a’ cruthachadh sàr-ionad cultarach Gàidhlig a bhios fo shealbh na coimhearsnachd is air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd ann an Inbhir Nis.

Tha sinn a’ fastadh Oifigear Com-pàirteachadh is Gnìomhachd Coimhearsnachd Gàidhlig làn-ùine.

Bidh an t-Oifigear ag obair gu dlùth leis a’ Bhòrd-stiùiridh, le buill dhen choimhearsnachd, agus le buidhnean ionadail is poblach gus stiùir is taic a thoirt do dh’iomairtean Cultarlann Inbhir Nis a bhios a’ neartachadh is a’ comasachadh cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig, agus eòlas air cànan is cultar na Gàidhlig, ann an suidheachadh coimhearsnachd.

Tha fàilte air tagraidhean agus ùidh bho luchd-obrach leasachadh coimhearsnachd Gàidhlig le barantas is eòlas freagarrach. Cuiribh post-d gu cultarlann@gmail.com le ceistean neo-fhoirmeil.

Cuir a-steach d’ iarrtas le bhith a’ cuir a-steach do chunntas-beatha.  Bu chòir dà theisteanas agus litir-chòmhdaich sa Ghàidhlig a bhith ann, ro 29mh Sultain.  Thathar an dùil gun tèid agallamhan a chumail an ath sheachdain as-dèidh sin.

Tha an dreuchd làn-ùine (35 uairean san t-seachdain air an obrachadh gu subailte) le tuarastal £38,000–£42,000 a rèir teisteanasan is eòlas. Nithear cuid dhen obair on taigh.

Tha peinnsean an lùib na dreuchd agus tha i fosgailte do thagraichean a tha airson an obair a roinn.

 

 

 

 

 

 

Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.