Comhairle nan Eilean Siar
’S e goireas nàiseanta, air-loidhne, stèidhichte ann an Steòrnabhagh, airson co-ionannachd a thaobh tairgse curraicealaim a thabhann ann an sgoiltean a th’ ann an e-Sgoil. Tha e-Sgoil cuideachd na comharra air mar a tha na dòighean anns a bheil daoine òga beò agus ag ionnsachadh ag atharrachadh gu luath.
Tha e-Sgoil a’ cleachdadh teicneòlas gus co-ionannachd agus cothroman a leasachadh le bhith:
- a’ lughdachadh chnapan-starra a thaobh ionnsachaidh
- a’ brosnachadh co-ionannachd don h-uile neach-ionnsachaidh a thaobh taghadh chuspairean
- a’ tabhann barrachd chothroman gus cùrsaichean agus tachartasan Gàidhlig / Gàidhlig luchd-ionnsachaidh a ghabhail
- a’ tabhann curraicealam a tha tighinn a reir fheumalachdan eaconomaidh agus coimhearsnachdan ionadail
- a’ leasachadh na tha sgoiltean ionadail a’ tabhann
- a’ cuideachadh le seasmhachd a thaobh thidsearan faothachaidh chuspairean sònraichte
- a’ cruthachadh chothroman obrach sùbailte do luchd-teagaisg, ge b’ air bith càit a bheil iad stèidhichte.
Tha a h-uile sgath de theagaisg e-Sgoil beò agus gnìomhach. Bidh a’ mhòr-chuid de leasanan air an lìbhrigeadh tro Microsoft Teams ’s bidh tidsearan a’ cleachdadh innleachdan digiteach eile gus aire sgoilearan a ghlacadh no obair a mheasadh. Tha trèanadh agus taic theicnigeach leantainneach air an tabhann don h-uile neach-teagaisg.
Tha luchd-teagaisg e-Sgoil air banca thidsearan-faothachaidh ’s a’ mhor-chuid dhiubh air cùmhnantan goirid a reir fheumalachdan sgoile fa leth. Faodaidh tidsearan a bhith stèidhichte am bad sam bith ’s a bhith teagasg gu àite sam bith ged a tha sinn sa bhitheantas a’ cuimseachadh air sgoiltean Alba. Tha sinn a’ lìbhrigeadh sheirbheis a reir iarrtais sa chumantas ’s theid aig sgoiltean air tidsearan faothachaidh fhastadh bho thràth teagaisg gu tràth teagaisg. Air sgath sin, faodaidh am pataran obrach a bhith eadar-dhealaichte bho theagasg faothachaidh àbhaisteach ann an sgoil. Tha sinn a’ cur taic ri sgoilearan agus sgoiltean mar phàirt de Thairgse Ionnsachaidh Air-Loidhne Alba.
Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu e-Sgoil, faicibh an làrach-lìn no an aithisg buileachaidh as ùire againn.
Tha sinn a’ fastadh thidsearan faothachaidh bho bhad sam bith ann an Alba no nas fhaide às (ma tha cead aca a bhith ag obair san Rioghachd Aonaichte). Thathas a’ cur fàilte air tagraidhean bho thidsearan chuspairean sam bith san àrd-sgoil agus tidsearan bun-sgoile airson foghlam Gàidhlig. Chan eil sinn a’ fastadh thidsearan bun-sgoile aig nach eil Gàidhlig an-dràsta. Bu chòir do làn chlàradh le Comunn Coitcheann Teagaisg Alba a bhith aig tagraichean ’s feumaidh iad a bhith ealanta ann a bhith cleachdadh teicneolais.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL: