
Làrach-lìn / Website Faclair na Gàidhlig
’S e pròiseact com-pàirteach a th’ ann am Faclair na Gàidhlig sa bheil Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, agus Oilthigh Srath Chluaidh an sàs, iomairt dha bheil e na amas faclair eachdraidheil na Gàidhlig a chruthachadh.
Seo cothrom a bhith mar phàirt dhen sgioba againn aig àm air leth inntinneach is brosnachail. Tha sinn air Ionad Faclair na Gàidhlig a stèidheachadh o chionn ghoirid, agus tha sinn air ar làrach-lìn ùr fhoillseachadh far am faighear na ciad inntridhean bhon fhaclair. Tha sinn cuideachd ag obrachadh gus ar siostam-faclaireachd fhèin a chruthachadh, Meanma, siostam air leth goireasach a bhios gar cuideachadh le bhith ag ullachadh an fhaclair.
Tha sinn a’ sireadh triùir luchd-obrach an-dràsta, 2 làn-thìde agus 1 pàirt-thìde, a thig a dh’obair còmhla rinn gus obair glè chudromach a dhèanamh mar thaic dhan iomairt gus faclair eachdraidheil na Gàidhlig a stèidheachadh.
Bidh ceum le urram agad aig àrd ìre (co-dhiù 2:1) ann an Gàidhlig / Ceiltis, no bidh teisteanas no eòlas agad a tha ionann ri sin. ’S urrainn dhut obair mhath a dhèanamh mar phàirt de sgioba agus tha thu math air a bhith ag obair air do cheann fhèin cuideachd, agus bidh sgilean sgrùdaidh fìor mhath agad agus bidh thu glè mhionaideach nad obair.
Stèidhichte: Ri aontachadh. Bidh agad ri tadhal air prìomh oifis an Ionaid aig Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach, bho àm gu àm.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.