Obraiche Teicneòlais

  • Làn-thìde / Full-time
  • Seaforth Road, Stornoway
  • Posted 7 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £21,224 - £23,746 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach

Cò tha sinn a’ lorg?

An caomh leibh a bhith ag obair ann an sgioba?

Bheil ùidh agaibh ann a bhith ag obair ann an riochdachadh Tbh?

Bheil eòlas agaibh ann an gnothaichean fuaim?

Ma tha, agus ma tha sibh math air a bhith ag obair le daoine eile, agus ag obair gu mionaideach agus ann an dòigh rianail, bhiodh ùidh againn cluinntinn bhuaibh. Feumaidh comas a bhith agaibh sa Ghàidhlig no a bhith ga h-ionnsachadh gu dìcheallach.

An dreuchd

Bidh an t-Obraiche Teicneòlais ag obair mar phàirt den Sgioba Obrachaidh air gnothaichean stiùidio agus iar-riochdachaidh, an dà chuid taobh a-staigh goireasan craolaidh MG ALBA agus ag obair aig astar. Airson a’ mhòr-chuid den t-seachdain bidh an neach a’ deasachadh agus a’ measgachadh stuthan fuaim airson stuthan taisbeanaidh na seanail.

Thèid trèanadh a thoirt seachad air pìosan sònraichte de na sruthan-obrach agus thèid dèanamh cinnteach gu bheil sibh làn-uidheamaichte an obair a choileanadh.

Tha an Dealbh-obrach ri fhaighinn an seo.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2018/19.

Càite bheil sinn?

Bidh an dreuchd seo stèidhichte sna h-oifisean againn ann an Steòrnabhagh.

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA!

• Air ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan obrach craolaidh as fheàrr san RA ann an 2018
• Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
• 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
• A’ pàigheadh 10% gu sgeama peinsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an aon rud ris
• Ballrachd gym gus dòigh-beatha fallain a bhrosnachadh
• Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne

Na h-ath cheumannan

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro Dhihaoine 12 Dàmhair, 5f gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur cunntas-beatha agus innis dhuinn dè tha tarraingeach dhut mun dreuchd.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid aig hr@mgalba.com no Richard McHale, Manaidsear Obrachaidh (Goireasan) richard.mchale@mgalba.com Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh a bhith agad mun chothrom.

Thèid agallamhan an cumail air 24 Dàmhair ann an Steòrnabhagh.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.