Prògram Cheumnaichean Riaghaltas na h-Alba

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 4 days ago
  • Tuarastal / Salary: £36,202
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • October 5, 2025

Riaghaltas na h-Alba

A bheil thu a’ coimhead airson prògram luchd-ceumnachaidh a bheir taic, oideachadh agus cothroman leasachaidh dhut a chuidicheas tu gus na h-amasan dreuchdail agad a choileanadh agus gus na tha na chomas dhut a dhèanamh a thoirt gu buil?

 

Tha ar prògram a’ toirt cothrom air adhartas dreuchdail nas luaithe agus air dreuchdan ceannais san t-Seirbheis Chatharra.

 

Bidh luchd-ceumnachaidh sa phrògram a’ dèanamh sreath de ghreisean-obrach air feadh an riaghaltais. Gheibh an luchd-ceumnachaidh eòlas agus sgilean ùra ann an taghadh farsaing de raointean, dreuchdan agus obair sa bhuidhinn.

 

Bidh an luchd-ceumnachaidh ag obair còmhla ri àrd luchd-stiùiridh agus luchd-ùidhe, agus iad a’ toirt buaidh air farsaingeachd de phrìomh raointean poileasaidh leithid slàinte, foghlam agus an eaconamaidh.

 

Gheibh luchd-ceumnachaidh taic aig gach ìre dhen phrògram, agus iad ri diofar ghnìomhan ionnsachaidh agus leasachaidh a bharrachd air an obair fhèin, agus thathar a’ cur cuideam air leasachadh pearsanta agus proifeiseanta.

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.jobs.gov.scot →