Òraidiche – Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

  • Làn-thìde / Full-time
  • An t-Eilean Sgitheanach
  • Posted 4 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £34,170 – £42,357
  • Cùmhnant / Contract: Leantainneach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh dreuchd Òraidiche ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte. Bidh an neach soirbheachail a’ cur gu mòr ri teagasg, rannsachadh agus buaidh, a’ gabhail a-steach dealbhadh is lìbhrigeadh cùrsa aig ìre ro-Urraim, Urraim agus Maighstireachd, agus rè ùine, ri stiùireadh oileanaich PhD. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte agus bho raon farsaing de chuspairean spèisealta, nam measg, ach gun a bhith cuingealaichte ri:

·         Cànan, dualchas is litreachas

·         Cànanachas, sòiseo-cànanachas agus dealbhadh cànain

·         Togail cànain, teagasg agus ionnsachadh

·         Eachdraidh na Gàidhealtachd

’S e cothrom air leth a tha seo airson taic a thoirt gu ginealach ùr na Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr-sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Tha eòlas air teagasg aig ìre fo-cheum riatanach. Bidh cothroman ann airson leasachadh proifeiseanta ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha cothrom aig Sabhal Mòr Ostaig an dreuchd seo a thabhann do luchd-obrach à thall-thairis cuideachd. Dh’fheumadh an tagraiche soirbheachail riaghailtean agus cumhaichean Oifis na Dùthcha a choileanadh airson cead visa obrach Ìre 2 fhaighinn.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oraidiche SGCC PF Slàn FINAL 2.0.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.