Oifigear Slàinte is Sàbhailteachd

  • Tuarastal / Salary: £29,491–£35,357 pro rata (a rèir eòlais)
  • Cùmhnant / Contract: 12 mìos thar ùine shuidhichte sa chiad dol a-mach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 21 uairean a thìde san t-seachdain (uairean/làithean ri aontachadh)
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable
  • July 11, 2025

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Oifigear Slàinte is Sàbhailteachd pàirt-thìde airson obair a mhaireas 12 mìos sa chiad dol a-mach gus ar cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh is a’ cur mhodhan-obrach èifeachdach an sàs a thaobh slàinte is sàbhailteachd air feadh na h-àrainn Ghàidhlig shònraichte a th’ againn aig a’ Cholaiste.

Mar phàirt dhen dreuchd agaibh bidh sibh a’ dealbh agus a’ cur phoileasaidhean slàinte is sàbhailteachd an sàs, a’ dèanamh sgrùdaidhean, a’ toirt comhairle do luchd-obrach is oileanaich, agus a’ brosnachadh dhaoine gu bhith sàbhailte air feadh na Colaiste. Bidh eòlas-obrach freagarrach agaibh, agus eòlas math air reachdas, agus bidh co-dhiù Teisteanas Slàinte is Sàbhailteachd L3 agaibh no teisteanas NEBOSH, agus bhiodh e fìor mhath nam biodh sibh eòlach air a bhith ag obair ann an roinn an fhoghlaim no san roinn phoblaich. Seo dreuchd chudromach do chuideigin a tha dealasach mun obair a tha an lùib a bhith a’ cruthachadh àrainneachd shàbhailte is thaiceil dhan a h-uile duine.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

JD and PS Health and Safety Officer Gaidhlig.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.