Tha sinn a’ sireadh Neach-rannsachaidh adhartach le sàr sgilean ceannardas gus cliù Shabhal Mòr Ostaig àrdachadh mar Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Bidh uallach oirbh airson stiùireadh ro-innleachdail rannsachaidh na Colaiste, a’ gabhail a-steach sgrìobhadh tagradh Research Excellence Framework (REF), agus a bhith a’ cur ro-innleachd rannsachaidh na Colaiste an gnìomh ann an com-pàirteachas le co-obraichean, oileanaich agus buidhnean com-pàirteachaidh. Bu chòir luchd-tagraidh a bhith deònach atharraichean a stiùireadh gus feumalachdan oileanach, buidhnean maoineachaidh agus coimhearsnachd rannsachaidh na Gàidhlig a choileanadh. Feumaidh sàr sgilean conaltraidh is ceannardais a bhith agaibh a bhios a’ toirt togail do cho-obraichean, oileanaich agus a’ mhòr-shluaigh. A bharrachd air dleastanasan airson rannsachaidh, bithear an dùil gun cleachd sibh an spèisealachadh agus an eòlais rannsachaidh agaibh ann an teagasg aig ìre fo-cheum is/no for-cheum mar a bhios iomchaidh. Tha eòlas ann an teagasg aig ìre oilthigh riatanach. Bu chòir PhD ann an Gàidhlig, Ceiltis no cuspairean co-cheangailte a bhith aig tagraichean, a bharrachd air foillseachaidhean aig ìre àrd. Thathar an dùil gum bi co-dhiù dà fhoillseachadh agaibh air neo ri thighinn a bhios aig ‘sàr-ìre eadar-nàiseanta’ (4*) no àrd-ìre eadar-nàiseanta (3*) ann an REF 2021.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.