
Làrach-lìn / Website /sporsgaidhlig/Spòrs Gàidhlig ( a tha na phàirt de ChnaG)
(NB – na deàn tagradh dìreach tron làrach-lìnn seo. Feumar foirm-tagraidh iarraidh, is siud a chuir thugainn. Gheibh sibh foirm-tagraidh le post-d a chuir gu ‘fios@spors.scot’)
’S e amas an dreuchd iùiliche air a’ bhlàr a-muigh le Gàidhlig a chruthachadh, a lìbhrigeas agus a leasaicheas prògram adhartach Spòrs Gàidhlig, agus a dh’obraicheas mar bhall de sgioba na buidhne gus amasan ar n-iomairt a choileanadh ann an dòigh sheasmhach.
Bidh cùrsaichean trèanaidh agus leasachadh eòlais aig cridhe obair an neach-trèanaidh. Cuiridh iad ùine seachad air cùrsaichean NGB, ri trèanadh neo-fhoirmeil taobh a-staigh Spòrs Gàidhlig, aig ionadan eile gus eòlas fhaighinn agus le mòran ionnsachdainn a’ tachairt fhad ’s a chùmas an neach-trèanaidh taic ri iùilichean Spòrs Gàidhlig agus iad a’ lìbhrigeadh chur-seachadan còmhla. Tha seo uile ag amas air goireas daonna maireannach a chruthachadh do Spòrs Gàidhlig, agus gum bi sgioba dealasach ann as urrainn cothroman aig àrd ìre a chruthachadh dhan òigridh sa Ghàidhlig.
Bidh an neach-trèanaidh ag obair gu dlùth leis a’ Cho-òrdanaiche Leasachaidh, iùilichean, luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus farsaingeachd Spòrs Gàidhlig a leudachadh.
Bidh aig an neach-trèanaidh ri obrachadh gu dìcheallach agus aig amannan gu neo-eisimeileach a dh’ionnsaigh theisteanasan anns na cur-seachadan a lìbhrigeas Spòrs Gàidhlig. ’S iad sin coiseachd nam beann, claiseachd, bòrd-seasaimh, sreap, campachadh, còstaireachd agus sligheadaireachd.
Tha ballrachd Sgeama PVG a dhìth airson an dreuchd seo. Gheibhear seo tro Chomunn na Gàidhlig.
Tha Spòrs Gàidhlig deònach a dhol an sàs ann an còmhradh a thaobh càite a bhios an neach-trèanaidh stèidhichte sa chiad dol a-mach.
Bhiodh dùil ri àirdeachadh pàighidh nuair a bhiodh e air soirbheachadh leis an neach-treànaidh air na teisteanasan chosnadh.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by
