Oifigear Pròiseact

  • Làn-thìde / Full-time
  • Trotternish
  • Posted 5 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £30,000 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 2 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website IonadInfoIonad Thròndairnis

Tha e na amas aig Urrasairean Ionad Thròndairnis seirbheis chultarach a chur air bhog – ionad air a ruith leis a’ choimhearsnachd ann am baile Fhlòdaigearraidh. Gheibhear fiosrachadh mionaideach air na tha for comhair san leabhran seo.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho IGE, tha Ionad Thròndairnis an dùil neach freagarrach fhastadh, no cunnradair a tha ag obair air a cheann fhèin a thoirt a-steach, airson dèanamh cinnteach  à adhartas leantaileach ann a bhith toirt gu buil amasan na buidhne.

Gheibhear tuairisgeul obrach an seo.

Bu chòir gach tagraiche foirm-iarrtais a lìonadh a-steach. Bu chòir cuideachd dhan tagraiche làn chunntas-beatha (CV) a thoirt seachad a bharrachd  air an fhiosrachadh a tha san fhoirm.

Bu chòir na h-iarrtasan air an lìonadh a-steach a bhith air an cur gu h-eileagtronaigeach gu Neach-cathrach Ionad Thròndairnis, Mairead NicNeacail, le bhith cur post-d gu maireadnicolson@btinternet.com ro 5f air Dihaoine 18 Sultain 2020.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.