
University of Glasgow
University
Tha Oilthigh Ghlaschu air a bhith ag atharrachadh an t-saoghail fad còrr air 574 bliadhna. San latha an-diugh, tha sinn mar aon den 100 oilthigh as àirde air an t-saoghal agus air ar rangachadh san 13mh àite san t-saoghal le Rangaidhean Buaidh Chruinneil an Times Higher Education (THE) 2023, a’ taisbeanadh nach eil sinn a-mhàin mar aon de na h-oilthighean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte, ach cuideachd mar aon de na h-oiilthighean as fheàrr air feadh na cruinne. Tha ar daoine air a bhith a-riamh aig fìor thoiseach ùr-ghnàthachais, agus tha ar n-euchdan san àm a dh’fhalbh a’ brosnachadh luchd-atharrachaidh an t-saoghail san latha an-diugh.
Tha cothrom brosnachail agus ainneamh air a thighinn am bàrr airson Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu, air bunait mhaireannach.
San dreuchd seo, bidh an tagraiche soirbheachail a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh poileasaidh ann an co-rèir ri àrd-amasan an Oilthighe, a thaobh àm teachdail nas soirbheachaile agus nas seasmhaiche a dhleasadh don Ghàidhlig; gus taic a chur ri cleachdadh na Gàidhlig am measg oileanaich agus luchd-obrach air feadh an Oilthighe; gus ìomhaigh na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig a thogail taobh a-staigh an Oilthighe ann an dòighean a tha a’ co-cheangal ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig.
Tha an dreuchd Oilthighe seo suidhichte taobh a-staigh Sheirbheisean an Oilthighe agus Colaiste nan Ealain is nan Daonnachdan agus air a co-stiùireadh le Katherine NicEunraig (Stiùiriche Sheirbheisean Proifeiseanta na Colaiste agus Obrachaidhean na Colaiste) agus an t-Àrd-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh (Àrd-Ollamh na Gàidhlig).
Tha an dreuchd seo làn-ùine (35 uairean gach seachdain) agus gun cheann. Gheibhear cuideachadh le imrich mar a bhios iomchaidh.
Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL: