
Làrach-lìn / Website cnag_AlbaComunn na Gàidhlig
Oifigear Leasachaidh - Òigridh & Coimhearsnachd - Glaschu
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.
Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.
Thòisichear air an an Iomairt seo – a’ frithealadh òigridh Ghlaschu, ann an compàirt le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu – ann an 2013.
Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.
Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarruingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.
Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.
Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.
‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle Bhaile Ghlaschu
NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tuairisgeul Obrach 2021 Oifigear Iomairt Ghlaschu.docPasgan Fiosrachaidh CnaG 4mh Ceitean 2021 6.docx
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.