Oifigear Leasachaidh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 10 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £30-£33k p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35

Làrach-lìn / Website Fèisean nan Gàidheal

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Leasachaidh a bhios ag obair làn-ùine a’ cumail taic ri Fèisean anns na h-Eileanan Siar, an t-Eilean Sgitheanach agus Eilean Thiriodh, a’ toirt air adhart leasachaidhean a-rèir rùn nam Fèis sin, agus a’ dol an sàs ann an iomairtean gus cleachdadh na
Gàidhlig a bhrosnachadh anns na coimhearsnachdan far a bheil na Fèisean stèidhichte.

Ge b’ e càit’ am bi an t-Oifigear Leasachaidh stèidhichte (àite ri dhearbhadh a-rèir an tagraiche soirbheachail), bidh feum air siubhal aig amannan gu coimhearsnachdan air feadh taobh siar na dùthcha. Bidh an neach seo ag obair 35 uairean a thìde san t-seachdain gu h-àbhaisteach. Aig amannan bidh feum air uairean a bharrachd a dhèanamh agus gheibhear an ùine sin air ais tro shiostam TOIL na buidhne.

Ged is e neach làn-ùine a b’ fheàrr leinn, bhitheamaid sùbailte nan tigeadh tagraiche air adhart leis na sgilean a tha a dhìth nach eil a’ sireadh obair làn-ùine, no tagraichean a bhios airson an obair a cho-roinn eatorra.

Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul obrach Oifigear leasachaidh.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.