Neach-fàilteachaidh

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Neach-fàilteachaidh càirdeil agus aig a bheil deagh sgilean eagrachaidh gus a bhith ag obair ann an Roinn na h-Aoigheachd. Seo dreuchd chudromach far am bi thu a’ dèiligeadh ri daoine, agus a’ toirt seirbheis phroifeiseanta agus chàirdeil seachd do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-tadhail fhad ’s a tha thu a’ cuideachadh le bhith a’ cur air adhart agus a’ cur taic ri cànan is cultar na Gàidhlig sa Cholaiste. Cuidichidh tu le iomadh seòrsa gnìomh obrach co-cheangailte ri rianachd is aoigheachd agus bidh thu mar phàirt cudromach de shaoghal na Colaiste bho latha gu latha.

Tha sinn a’ sireadh neach aig a bheil sàr sgilean conaltraidh is eagrachaidh, agus a tha comasach air prògraman Microsoft a chleachdadh, agus a tha fileanta sa Ghàidhlig, ga bruidhinn agus ga sgrìobhadh. Tha sinne a’ tabhainn: àite-obrach taiceil a tha mar phàirt de choimhearsnachd, deagh chuid làithean-saora, cothroman trèanaidh is leasachaidh, agus cothrom a bhith ag obair ann an àite sònraichte san Eilean Sgitheanach. Tha sinn deònach beachdachadh air pàtranan obrach sùbailte.

Ma tha thu airson bruidhinn mun obair, faodaidh tu fios a chur gu Kirsteen McGonagall aig km.smo@uhi.ac.uk no air 01471 888250.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Neach failteachaidh 2026.pdf
Upload your CV, application form or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.