Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Oifigear Càileachd airson cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh, a’ cur an gnìomh agus a’ sgrùdadh mhodhan-obrach gus càileachd acadaimigeach a dhearbhadh is a leasachadh air feadh na Colaiste.
Bidh sibh ag obair ann an sgioba beag, co-obrachail far am bi sibh a’ cuideachadh le sgrùdaidhean bliadhnail, ath-sgrùdaidhean air prògraman agus pròiseasan barantachaidh, mar thaic do dh’obair na Colaiste an lùib Frèam Dearbhaidh Càileachd na Treas-ìre (TQEF). Bidh sibh ag obair còmhla ri luchd-ùidhe air taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Colaiste agus bidh sibh a’ dèanamh cinnteach gun tèid sàr ìrean acadaimigeach a ruighinn.
Bidh eòlas freagarrach agaibh a fhuair sibh ann an raon an fhoghlaim no ann an raon eile a tha fo riaghladh, agus bidh sàr sgilean eagrachaidh is conaltraidh agaibh, agus bidh sibh fileanta sa Ghàidhlig, ga bruidhinn agus ga sgrìobhadh.
’S e obair thar ùine shuidhichte a tha seo airson co-dhiù 24 mìosan, a chaidh a chruthachadh gus taic a chumail ris a’ Cholaiste fhad ’s a tha sinn ag obair an lùib TQEF ùr. Bheir an neach-dreuchd taic nach beag seachad gus cuideachadh le sgrùdaidhean bliadhnail, ath-sgrùdaidhean air prògraman agus pròiseasan barantachaidh, agus bidh sibh ag obair gu dlùth còmhla ri co-obraichean acadaimigeach is proifeiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh a’ sìor thighinn air cùisean.