Làrach-lìn / Website Eden Court
Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar nan eileamaidean cudromach de bheatha an seo air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha òrain, bàrdachd, ceòl, ealain agus dannsa air a bhith aig cridhe a’ chànain riamh agus ged a tha a’ Ghàidhlig na mion-chànan aig an àm seo, tha coimhearsnachd bheòthail de dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic an seo air a’ Ghàidhealtachd.
Tha pàirt chudromach againn uile aig Eden Court ann a bhith a’ toirt taic dhan Ghàidhlig agus a cultar, ann a bhith a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig agus ann a bhith a’ toirt cothrom do barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh agus eòlas fhaighinn orra tro na h-ealain. Mar thoradh air ar prògram ealain eadar-mheasgte, tha sinn comasach air eòlas cultarail Gàidhlig a thabhann tro raon de dhiofar cruthan ealain, nam measg tèatar, ceòl, film agus ealain lèirsinneach, agus nar n-obair riochdachaidh tha ùidh shònraichte againn ann an ceanglaichean eadar diofar chruthan ealain. Leughar barrachd mu na gealltanasan againn an seo.
Tha Manaidsear Pròiseict Gàidhlig air a bhith aig Eden Court bhon Ghiblean 2023 le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha an dreuchd seo air Plana Gàidhlig Eden Court a chur an gnìomh gu soirbheachail agus air mothachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh taobh a-staigh na buidhne. Am measg nan soirbheasan as motha againn, tha Cruinn Còmhla, na Seiseanan Accoustic Gàidhlig againn, a’ cur air dòigh clasaichean dràma Gàidhlig agus clasaichean ciùil do chloinn fo aois 5, a’ cumail thachartasan film Gàidhlig gu cunbhalach agus a’ tabhann chlasaichean Mothachaidh Gàidhlig do luchd-obrach Eden Court gu lèir. Le maoineachadh an gnìomh gus am Màrt 2028, seo deagh àm do chuideigin gus togail air na bunaitean làidir a tha sinn air togail mar-thà agus gus cumail orra a’ leudachadh na dreuchd taobh a-staigh Eden Court.
Gaelic language and culture is an important aspect of life here in the Highlands and Islands. Song, poetry, music, art and dance have always been at the heart of the language and even though Gaelic is a minority language today there is a lively community of fluent speakers, learners and supporters here in the Highlands.
At Eden Court we all play a key role in supporting Gaelic language and culture, in welcoming Gaelic speakers and in enabling more people to use and experience Gaelic language and culture through the arts. Due to our varied artistic programme, we are able to offer Gaelic cultural experience through a range of genres, including theatre, music, film and visual art, and in our producing work we have a particular interest in the crossover between art forms. More can be read about our commitments here.
Eden Court has had a Gaelic Project Manager in post since April 2023, funded by Bòrd na Gàidhlig. This role has successfully implemented Eden Court’s Gaelic Language Plan and expanded Gaelic awareness and usage within the organisation. Particular successes include our Cruinn Cὸmhla: Gaelic Acoustic Sessions, implementing Gaelic drama and under 5s music classes, hosting regular Gaelic film events and offering Gaelic Awareness classes to all Eden Court staff. With funding secured up until March 2028, this is an ideal time for someone to build upon the strong foundations we already have in place and to continue to grow the role within Eden Court.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by
