Làrach-lìn / Website Faclair na Gàidhlig
Tha sinn an-dràsta a’ trusadh aon Neach-deasachaidh làn-ùine gu bhith mar phàirt dhen sgioba aig am bi ròl cudromach ann a bhith a’ stèidheachadh traidisean faclaireachd eachdraidheil do Ghàidhlig na h-Alba.
Bidh deagh cheum le urram agad (aig 2:1 co-dhiù) ann an Gàidhlig na h-Alba, no teisteanas/eòlas co-ionnan eile. Bidh thu comasach air obair ann an sgioba no gu neo-eisimeileach, agus bidh thu cleachdte ri obair sgrùdaidh agus ri dlùth-aire a thoirt air nithean mionaideach.
Iarrtasan: Bu chòir do thagraichean foirm iarrtais a lìonadh agus litir-chòmhdaich a chur còmhla ris. Bu chòir an litir-chòmhdaich a bhith sgrìobhte sa Bheurla agus sa Ghàidhlig. Thoir an aire gum bu chòir don litir-chòmhdaich mìneachadh mar a choinnicheas tu ri slatan-tomhais na dreuchd seo. An uairsin till na sgrìobhainnean crìochnaichte gu Gill Morgan, Ceannard HR aig gm2.smo@uhi.ac.uk
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.