Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd – Iar Thuath Leòdhais

  • Làn-thìde / Full-time
  • Barvas, Isle of Lewis
  • Posted 3 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £24,500 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig

‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo. Bha sgìre Iar Thuath Leòdhais am measg na ciad iomairtean, agus tha an obair air leantainn gu soirbheachail bhon uairsin.

Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarruingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.

Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.

‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.

NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org

Feumaidh foirm tagraidh bhith againn ro 5f air Dihaoine 13mh Lùnastal.

Airson còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun dreuchd seo faodaidh sibh post-d a chuir sa chiad dol-a-mach gu Marina Mhoireach; marina@cnag.org

 

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.