Ball Bòrd-Stiùiridh

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 2 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Obair Saoir-thoileach
  • Cùmhnant / Contract: 3 bliadhna
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig

Obair leasachaidh òigridh aig ìre coimhearsnachd

Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh Buill ùr airson Bòrd-Stiùiridh a’ Chompanaidh. ‘Se sanas ùr a tha seo, airson 2022.

‘Se cothrom a tha seo do thaic a chumail ri aon de na buidhnean às fhaide-stèidhichte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig – agus leis a sin, dhan obair leasachaidh fhèin.

‘S an là an diugh tha CnaG fhathast aig teis-mheadhan an iomairt leasachaidh, le fòcas sònraichte air obair òigridh anns na sgoiltean, agus anns a’ choimhearsnachd.

An luib ChnaG tha luchd-obrach a’ chompanaidh fhèin, agus sgioba Chomann nam Pàrant, agus Spòrs Gàidhlig.

Tha CnaG stèidhichte bho lagh chompanaidhean, agus clàraichte le ‘Companies House’; thathas cuideachd clàraichte mar bhuidheann-carthannachd le OSCR – oifis rìaghlaidh nam buidhnean cathrannachd ann an Alba. Bhitheadh na Buill ùr stèidhichte mar Stiùirichean a Chompanaidh, agus mar Urrasaran a Bhuidheann Cathrannachd.

Mar às trice bithidh Buill air a Bhòrd Stiùiridh airson trì bliadhna, le cothrom teirm ùr a thòiseachadh às deidh siud. An dràsta tha dùil againn ri teirm triùir de na Buill tighinn gu ceann, is ‘s ann air an adhbhar ud a tha sinn a’ lorg dhaoine ùr le dealas dhan Ghàidhlig agus na sgilean pearsanta no corporra a chumas taic ris an sgioba-obrach, agus an obair leasachaidh.

‘Se dreuchdan saoir-thoileach a tha seo, ged a tha cosgaisean gam pàigheadh mu choinneamh làthaireachd aig coinneamhan a’ Bhùird.

‘Sa chumantas, bithidh ceithir choinneamhan againn sa bhliadhna. Mar às trice bithidh dhà dhiubh siud a’ gabhail àite ‘air loighne’ tro leithid TEAMS, agus dhà eile a’ tachart gu pearsanta – ann an Inbhir Nis no Glaschu.

Bithidh na coinneamhan seo, agus na paipearan a thig nan cois, a’ leantainn anns a Ghàidhlig.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.