Ceannard Margaidheachd

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Stornoway
  • Posted 4 days ago
  • Tuarastal / Salary: £26,142
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 21
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable
  • October 5, 2020

Tiotal an dreuchd: Ceannard Margaidheachd

Fo smachd: Àrd-oifigear An Lanntair (CEO)

Uairean obrach: Trì làithean san t-seachdain (21 uair a thìde)

Tuarastal:  £26,142 a-rèir trì làithean san t-seachdain

Àrainn: An Lanntair, Steòrnabhagh

Cùmhnant: Làn-ùine

Ro-ràdh

 

’S e cothrom air leth tha seo do neach-margaidheachd a tha cruthachail, fèin-bhrosnachail agus dìcheallach, le eòlas dearbhte ann an roinn nan ealain, a thighinn a dh’obair mar phàirt de sgioba An Lanntair nan Ceannard Margaidheachd.

 

Mu dheidhinn An Lanntair

 

’S e ionad ealain a th’ anns An Lanntair a tha a’ lìbhrigeadh ealain ann an iomadh cruth, ach aig a’ cheart àm ’s e gailearaidh airson ealain an latha an-diugh a th’ ann, taigh-deilbh, taigh-cluiche agus àrd-ùrlar dha ceòl, bàrdachd agus litreachas a th’ ann. Tha gach oisean air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus ealain a thaisbeanadh ann an iomadh dòigh.  Tha sinn gu h-àraid moiteil às an t-sàr-phrògram againn a tha inntinneach dha ar èisteachd agus a tha a’ dèanamh soilleireachadh dhuinn uile.

 

Tha ar obair ga dèanamh air feadh na dùthcha agus gu dearbh ann an iomadh dùthaich, ach ’s e tha sònraichte mu ar deidhinn ’s e ar oighreachd is ar dualchas, agus am prìomhachas a tha sinn a’ cur air ar àrainn is ar cultar fhèin agus le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòighean cruthachail. Tha talla-cluiche againn le 220 suidheachan, cuide ri gailearaidh, oifis mhòr, bùth, taigh-seinnse agus taigh-bìdh. B’ e aon de na leasachaidhean-ealain as motha a thachair air a’ Ghaidhealtachd a-riamh a bh’ ann nuair a thogadh ar ionad agus tha e cudromach aig ìre nàiseanta airson cultar is ealain nan Eilean Siar.

 

Airson barrachd fiosrachaidh, thèidibh gu: http://lanntair.com/

 

 

Mu dheidhinn an dreuchd

 

Tha an Ceannard Margaidheachd aig teis-mheadhan a h-uile rud tha sinn a’ dèanamh aig an ionad-ealain a Steòrnabhagh air Eilean Leòdhais. ’S e dreuchd gu math cudromach a th’ ann airson cùisean a chumail a’ dol gu siùbhlach san ionad, agus dreuchd a bhiodh freagarrach do neach a tha cruthachail, le eòlas dearbhte air thaobh margaidheachd, tuigse farsaing air cànan is cultar na Gàidhlig, ùidh anns na h-ealainean agus, gu sònraichte, sgilean eadar-phearsanta agus rianachail air leth.

 

Tha e doirbh a mhìneachadh gu h-aithghearrach cò ris a tha latha àbhaisteach coltach san dreuchd seo.  Tha gach lath cho eadar-dhealaichte bho chèile. Dh’fhaodadh gum bi thu a’ stiùireadh prògram rannsachaidh cuide ri luchd-ealain agus luchd-èisteachd, a’ cruinneachadh fiorachadh gus ar èisteachd a leudachadh. An ath latha, dh’fhaodadh gum bi thu ag obair còmhla-ri deilbhichean air ar leabhran-fiosrachaidh no a’ sgrìobhadh brath-naidheachd.

 

 

Bidh thusa os cionn ar seirbhis-thiocaidean, ar làraichean-lìn agus ar meadhnan-sòisealta agus b’ fheudar dhut an cumail a’ dol gu siùbhlach agus fiosrachadh a chruinneachadh bhuapa. Bidh agad ri agallamhan a dhèanamh tric le na meadhnan Gàidhlig agus Beurla agus bidh thusa os cionn ar dàimhean ri na meadhanan cuide ri bhith ag obair còmhla-ri buidhnean dàimh-phoblach (PR) nuair a tha sin iomchaidh.

 

’S e an rud as cudromaiche gum bi thu ag obair air feadh sgioba An Lanntair- le buidheann na Gàidhlig, buidheann nan ealain lèirsinneach, buidhean foghlaim, buidheann an ionmhais, an taigh-deilbh, an taigh-bìdh agus am bùth. B’ fheudar dhut modal-gnothaich gach bhuidheann a thuigsinn, agus innleachdan margaidheachd a chur air bhonn a bhios a’ cuideachadh gach buidheann le leasachadh an èisteachd/margaidhean. Bidh agad ri gach bhuidheann san Lanntair a chuideachadh gus na sgilean margaidheachd aca a leasachadh. Bidh thu cuideachd ag obair mar aon de na prìomh-bhuill air sgioba-stiùiridh An Lanntair, fo smachd dhìreach Àrd-oifigear An Lanntair, agus a’ bhùird.

 

Bidh an dreuchd seo freagarrach do neach-margaidheachd proifeiseanta a tha deònach obair a choileanadh ro chinn-latha teann, doirbh, agus do chuideigin a tha comasach an cuid obrach a chur ann an òrdugh prìomhachais agus a tha calma nuair a tha ìmpidh orra.

 

Bidh an dreuchd seo a’ toirt cothrom air leth do chuideigin a tha ag iarraidh an comasan mar stiùiriche agus neach-margaidheachd proifeiseanta a leasachadh ann am buidheann ealain cruthachail. Bheir An Lanntair trèanadh is leasachadh don neach, ann an àrainneachd bhlàth, chruthachail. Bidh cothrom aig an neach a dhol an sàs le prògram ealain agus luchd-ealain, measgachadh de thachartasan agus taisbeanaidhean agus gheibh iad an cothrom modhan-obrach ùra fheuchainn is a chur air bhonn. ’S e buidheann ioma-dhòigheach a th’ ann, làn dhaoine a tha proifeiseanta, cruthachail is tha buadhan sònraichte aig gach duine sa bhuidheann. Bidh sinn a’ brosnachadh modhan-obrach ùra agus a’ cur fàilte air daoine le beachdan ùra air mar a thèid leasachadh a dhèanamh air na dòighean-obrach is na siostaman againn.

 

Ma tha ùidh agaibh, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Elly Fletcher, Àrd-oifigear An Lanntair air an àireamh gu h-ìosal.

 

 

Cur a-steach

 

Chì sibh an dealbh-obrach agus na buadhan pearsanta a tha sinn a’ lorg ceangailte ri seo. Bidh aig an tagraiche ri na duilleagan sin a leughadh gu faiceallach agus a sgrìobhadh thugainn a’ mìneachadh mar a bhiodh iad freagarrach a-rèir nam feumalachdan sin, agus cunntas-beatha a chur thugainn sa phost no air post-dealain.

 

Elly Fletcher, Àrd-oifigear

An Lanntair, Sràid Choinnich, Steòrnabhagh, HS1 2DS

elly@lanntair.com

 

Ma tha ceistean sam bith agaibh mus cuir sibh a-steach airson an dreuchd, cuiribh fios gu:

 

Elly Fletcher, Àrd-oifigear air 01851 708480 or elly@lanntair.com

 

Feumaidh iarrtasan a bhith againn ro/air Diluain 5mh An Dàmhair 2020 aig 9m

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.