
Làrach-lìn / Website cne_siarComhairle nan Eilean Siar
Ga sireadh airson 29.5 uair a thìde gach seachdain (tro teirm sgoile), air bunait seasmhach, tha an dreuchd seo a’ cumail taic ri sgoiltean/ro-sgoile agus suidhichidhean foghlaim eile do chlann agus daoin’ òga le feuman taic a bharrachd (ASN) agus ann an clasaichean FMG.
Tha dleastanasan a gabhail a-steach: obair ann an clasaichean mòr-chuid, a’ cuideachadh an neach-teagaisg le taic do sgoilearan fa leth no buidhnean de sgoilearan le obair clas agus cothrom fhaighinn air a’ churraicealam; sùil a chumail air clann aig amannan-cluiche agus aig amannan bidhe; a’ cuideachadh le clann agus daoin’ òga aig a bheil duilgheadasan giùlain.
Bu chòir gum biodh Teisteanas Ìre Nàiseanta 4/ Ìre Choitcheann 4 no co-ionnan agaibh agus/no dearbhadh gu bheil tuigsinn agaibh air Beurla, Gàidhlig agus Àireamhachd.
Feumaidh eòlas a bhith agaibh air obair le clann ann an suidheachadh cùraim agus taic, mar phàrant no ann suidheachadh saor-thoileach no proifeasanta; tuigse a bhith agaibh air feumalachdan bunaiteach chloinne; comas co-obrachaidh le daoin’ eile agus gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba; a bhith foighidneach agus subailte, fosgailte agus cùramach nur dòigh.
Tha fileantachd sa Ghàidhlig riatanach.
Tha tuarastal na dreuchda a gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an dreuchd a shuidheachadh aig a’ chiad puing a rèir rang.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.