
Comunn na Gaidhlig
Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd
Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca a lìonadh. Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; Sgìre Loch a Tuath – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga. Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.
Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a’ gabhail a-steach:
· Pròiseactan leasachaidh òigridh anns an sgìre ainmichte – gach cuid còmhla ri sgoiltean, agus sa choimhearsnachd mu chuairt;
· An òigridh a mhisneachadh anns a Ghàidhlig – gu bhith deònach is toilichte a’ cleachdadh;
· A’ bhith a’ brosnachadh foghlam Gàidhlig san sgìre, aig gach ìre
· A’ bhith an sàs (còmhla ri feadhainn eile san sgìoba) ann am prògram thachartasan nàiseanta ChnaG (m.e. campaichean Sradagan, Cuach na Cloinne, campaichean eile)
· A’ bhith a’ clàradh toraidhean na h-obrach – a thaobh àireamhan chlòinne an sàs ann an tachartasan agus mar sin air adhart;
Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:
Fileanta agus misneachail anns a’ Ghàidhlig – gach cuid labhairt agus sgrìobhadh .
Eòlach agus misneachail ann an obair òigridh, is an comas dàimh a thogail leotha;
Comasach air co-obrachadh le daoine eile mar phàirt de sgioba – m.e. luchd-teagaisg, phàrantan, oifigearan eile
Comasach fòcas agus libhrigeadh air prògram òbrach ionadail agus targaidean eile;
’S e dreuchd làn ùine a tha seo aig tuarastal eadar £22,000 agus £24,000. (Tha peinsean de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).
Tha an dreuchd sa stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort, ach ag obair ann an ‘Sgìre an Loch a Tuath – eadar an Rubha agus am Bac.
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:
Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG
Fòn: 01851 701802 Post-dealain: oifis@cnag.org
Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 12.00f air 29 Am Màrt 2019 agus bidh agallamhan ann, ann an Steòrnabhagh, uairegin san t-seachdain a’ tòiseachadh air 1 Giblein.
Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a’ cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.