
Croileagan Inbhir Pheofharain
Tha sinn a lorg neach dìcheallach airson a bhith an urra ri Croileagan Inbhir Pheofharain.
Feumar a bhith eòlach, làn spionnaidh agus misneachd airson a bhith na do cheannard air an sgioba agus a bhith na do dheagh eisimpleir do luchd-obrach.
Dreuchd:
Bidh am manaisdear an urra ri bhith a’ ruith na sgoil-àraich gu h-èifeachdach, a’ tabhann Ionnsachadh Tràth-bhliadhnaichean agus Cùram Chloinne air àrd ìre, a bhith nan deagh cheannard agus a’ brosnachadh an luchd-obrach eile. Bithear a’ sùileachadh gun cruthaich thu fìor dheagh chàirdeasan le pàrantan, leis an ùghdarras ionadail agus le buidhnean eile. Tha a bhith a’ dèiligeadh ri luchd-obrach ann an dòigh èifeachdach agus deagh thuigse air buidseatan agus ionmhas cuideachd air leth cudromach.
Riatanach
· Fileanta ann an Gàidhlig.
· Teisteanas oifigeil ann an Cùram Chloinne is Foghlaim a tha a’coilionadh feumalachdan SSSC airson clàradh mar mhanaidsear sgoil-àraich.
· Teisteanas foirmeil airson a bhith a’ruith seirbheis cùram chloinne (no a bhith ag obrachadh ga ionnsaigh) leithid BA ann an Eòlas Leanabachd no ìre 9.
· Eòlas obrach de 3 bliadhna mar mhanaidsear no mar leas mhanaidsear.
· Teisteanasan ann a bhith a’ làimhseachadh bidhe agus Ciad Chobhair (buannachdail).
Se buidhean fastaidh cho-ionnanachd a th’ annainn agus chuireamaid fàilte air tagraidhean bhuapsan nach eil air an riochdachadh mòran san roinn obrach sa.
Mus tèid an obair a dhearbhadh, feumar a bhith air ur clàradh fo sgeama PVG.
Cuiribh brath gu Croileagan@yahoo.co.uk airson barrachd fiosrachaidh mun dreuchd agus airson foirm tagraidh.
Airson fios: Mar as trice, thèid fios a chuir air tagraichean tro phost-d. Feuch gun coimhead sibh air ur puist-d tric agus gu sònraichte san sgudal air post-d.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.