
Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig
Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig
Mar Iar-Leabharlannaiche, bidh thu ag adhartachadh an Leabharlainn mar chridhe beatha na Colaiste.
Bidh thu a’ toirt taic phroifeiseanta do Cheannard an Leabharlainn airson cruinneachaidhean is seirbheisean a leasachadh is a lìbhrigeadh airson taic a chumail ri teagasg, ionnsachadh is rannsachadh aig a’ Cholaiste agus airson a cuid dhleastanasan mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig a thoirt gu buil
Tha sinn a’ sireadh neach a tha air leth eagraichte, cleachdte ri bhith ag obair le goireasan fiosrachaidh is rannsachaidh agus a tha math air conaltradh. Feumaidh teisteanas Leabharlannachd a bhith agad no ceum iomchaidh eile air chumha is gun dèanar for-cheum ann an Leabharlannachd an lùib leasachadh proifeiseanta, le taic bhon a’ Cholaiste. ’S e obair làn-ùine a tha seo, agus feumaidh tu a bhith stèidhichte air làrach na Colaiste ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.