
Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig
Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig
Manaidsear Rianachd Foghlaim
£29,000-33,000
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh neach eagraichte agus comasach airson dreuchd Manaidsear Rianachd ann an Roinn an Fhoghlaim a ghabhail os làimhe. ‘S e dreuchd ùr a tha seo le fìor mheasgachadh de dhleastanasan rianachd, stiùiridh, co-òrdanachaidh agus eagrachaidh na lùib.
Bidh an neach a shoirbheachas air leth eagraichte, comasach air prìomhachasan a stiùireadh, agus fìor mhath air cumail ri cinn-ùine. ‘S e cothrom inntinneach a tha seo a bhith aig teas-mheadhan leasachaidhean foghlaim Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na h-Alba.
Ceann-là: 07/12/21