Oide Cànain

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh Oide Cànain Ghàidhlig air leth airson dreuchd – le cumhnant eadar 1 Sultain 2025 is 30 Ògmhios 2026 – gus teagasg agus obair rianachd a ghabhail os làimhe a tha a’ toirt taic do chùrsaichean bogaidh agus a chuireas ri cliù teagaisg Shabhal Mòr Ostaig.

’S e cothrom air leth a tha seo airson taic a chumail ri ginealach ùr de luchd na Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sgilean cànain aig sàr àrd ìre, ceum le urram no co-ionnan ris anns a’ Ghàidhlig no cuspairean co-cheangailte, agus eòlas farsaing air teagasg Gàidhlig do dh’inbhich riatanach san dreuchd. Thathar an dùil gum bi an tagraiche soirbheachail a’ cur gu sùbailte ris na prògraman is modalan cànain againn, stèidhichte air an àrainn, a’ gabhail a-steach clasaichean do luchd-ionnsachaidh air a’ chiad bhliadhna, agus clasaichean cànain is seiseanan taic do dh’oileanaich aig ìre Dioplòma no air cùrsaichean ceuma. Bu chòir do thagraichean a bhith dealasach mu theagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Tha an dreuchd seo air a tabhann agus air cùmhnant sealach airson co-dhiù 10 mìosan.

Faodar còmhradh neo-fhoirmeil mun obair a chumail le Eairdsidh MacGilleathain, Iar-stiùiriche an Fhoghlaim air neo Marsaili NicLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim: obair@smo.uhi.ac.uk

Bu chòir dhuibh ùidh a nochdadh, le cunntas-beatha is litir a’ mìneachadh carson a bhiodh tu freagarrach airson na dreuchd seo, le bhith a’ cur fios gu Gill Morgan gm2.smo@uhi.ac.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul obrach Oide Canain 2025 07 22.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.