
Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Teicneòlaiche TF a bhios ag obair ann an Roinn an Teicneòlais Fhiosrachaidh is Chonaltraidh air làrach na colaiste ann an Slèite. Bidh an neach-dreuchd seo a’ coileanadh dhleastanasan cudromach agus iad a’ cumail taic ri bun-structair didseatach na colaiste agus bidh iad ag obair gu dlùth còmhla ris an sgioba TFC agus luchd-obrach na colaiste airson dèanamh cinnteach gun gabh goireasan teicneòlais a chur feum gu h-èifeachdach agus gun trioblaid.
Tha sinn a’ coimhead airson cuideigin:
- Aig a bheil ùidh mhòr ann an TFC agus a tha airson rudan ùra ionnsachadh.
- A tha math air a bhith ag obair ann an sgioba agus aig a bheil sàr sgilean eadar-phearsanta.
- As urrainn conaltradh èifeachdach a dhèanamh agus a bhith ag obair le misneachd ann an àite-obrach Gàidhlig.
Bhiodh e feumail nam biodh eòlas-obrach no eòlas agad air na nithean a leanas:
- Microsoft 365
- Entra / Intune
- An siostam-obrachaidh Windows is am fear airson Apple Mac
- Bathar-cruaidh airson choimpiutairean agus siostaman-lìonra
Mura h-eil na sgilean seo uile agad, na gabh dragh – tha sinn ro dheònach trèanadh a thoirt do thagraiche a tha freagarrach airson na h-obrach.
Na tha sinn a’ tabhainn
- Àite-obrach taiceil far am bi thu mar phàirt de sgioba
- Cothroman trèanaidh is leasachaidh
- Cothroman leasachaidh proifeiseanta
- Cothrom a bhith ag obair ann an dreuchd ann an àite-obrach far a bheilear a’ cleachdadh Gàidhlig mar phrìomh chànan gus conaltradh a dhèanamh
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.