
Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Oifigear Conaltraidh.
Tha conaltradh èifeachdach riatanach do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coileanadh nan amasan aige, a’ dèanamh cinnteach gun tig a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig am feabhas ann an Alba. Tha dreuchd Oifigear Conaltraidh na phàirt chudromach de sgioba a’ Bhùird ann a bhith a’ toirt amasan na buidhne agus amasan a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig air adhart.
Thathas ag amas gum bi uallach air an oifigear airson deagh chonaltradh mu dheidhinn obair a’ Bhùird agus mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.
Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios gu corporra@gaidhlig.scot.
Bu chòir iarrtasan agus foirm sgrùdadh co-ionnanachd chothroman a chur gu corporra@gaidhlig.scot.
Ceann-là airson iarrtasan – 10m, Diciadain 23 Ògmhios 2021
Thèid agallamhan a chumail air Microsoft Teams air Dihaoine 2 Iuchar 2021
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.