
Làrach-lìn / Website /sporsgaidhlig/Spòrs Gàidhlig
‘S e cothrom air leth a tha an seo a dhol an sàs còmhla ri sgioba dealasach is cliùiteach Spòrs Gàidhlig – a’ lìbhrigeadh cur-seachadan spòrsail do dh’òigridh le Gàidhlig ann an àitean air a bhlàr a-muigh air feadh Alba. Bhiodh an neach a tha seo a’ faighinn an làn-threànadh mu choinneamh na diofar chur-seachadan anns am bi Spòrs Gàidhlig an sàs.
Bidh an neach seo stèidhichte aig stòr Spòrs Gàidhlig ann an Stafainn, san Eilean Sgitheanach ach tric le siubhail an lùib an dreuchd airson trèanadh agus gus obair na buidhne a lìbhrigeadh.
’S e amas an dreuchd iùiliche air a’ bhlàr a-muigh le Gàidhlig a chruthachadh, a lìbhrigeas agus a leasaicheas prògram adhartach Spòrs Gàidhlig, agus a dh’obraicheas mar bhall de sgioba na buidhne gus amasan ar n-iomairt a choileanadh ann an dòigh sheasmhach.
Bidh cùrsaichean trèanaidh agus leasachadh eòlais aig cridhe obair an neach-trèanaidh. Cuiridh iad ùine seachad air cùrsaichean NGB, ri trèanadh neo-fhoirmeil taobh a-staigh Spòrs Gàidhlig, aig ionadan eile gus eòlas fhaighinn agus le mòran ionnsachdainn a’ tachairt fhad ’s a chùmas an neach-trèanaidh taic ri iùilichean Spòrs Gàidhlig agus iad a’ lìbhrigeadh chur-seachadan còmhla. Tha seo uile ag amas air goireas daonna maireannach a chruthachadh do Spòrs Gàidhlig, agus gum bi sgioba dealasach ann as urrainn cothroman aig àrd ìre a chruthachadh dhan òigridh sa Ghàidhlig.
Bidh an neach-trèanaidh ag obair gu dlùth leis a’ Cho-òrdanaiche Leasachaidh, iùilichean, luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus farsaingeachd Spòrs Gàidhlig a leudachadh.
Bidh fàilte gu sònraichte ro iarrtasan bho thagraichean boireann, a tha dì-riochdaichte san raon seo.
Ma tha neach sam bith airson tagradh a dhèanamh, no ag iarraidh fiosrachadh a bharrachd mun dreuchd faodaidh iad brath fhàgail aig Co-òrdanaiche Leasachaidh Spòrs Gàidhlig, Coinneach MacFhraing, air coinneach@spors.scot. ‘S ann bho Choinnich cuideachd a gheibhear foirmicheach tagraidh. Bidh foirm a dhìth oirnn bho h-uile tagraiche.
‘Se 12f, Dihaoine 23mh Cèitein a cheann-là airson tagraidhean sam bith. Tha dùil againn agallamhan a chumail airson an dreuchd seo air an t-seachdainn a’ tòiseachadh 26mh Cèitein.

