Stiùiriche Foghlam Thidsearan

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Stiùiriche ann am Foghlam Thidsearan. ’S e cothrom air leth a tha seo airson cothroman ionnsachaidh do dh’oileanaich teagaisg agus do thidsearan a stiùireadh agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha eòlas air foghlam Gàidhlig, teisteanas teagaisg aig ìre bun-sgoile no àrd-sgoile agus làn-chlàradh le GTCS riatanach san dreuchd. Cuiridh an neach soirbheachail gu mòr ri teagasg agus measadh air cùrsaichean foghlaim, a’ gabhail a-steach:

  • BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam
  • PGDE (Slighe Ghàidhlig – bun-sgoil agus àrd-sgoil)
  • MEd ann am Foghlam Gàidhlig

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte. Bu chòir deagh eòlas a bhith aig tagraichean air Foghlam Gàidhlig aig ìre sgoile agus chuireamaid fàilte gu h-àraid air iarrtasan bho thagraichean aig a bheil eòlas air stiùireadh agus riaghladh sgioba.

Gheibhear foirm-iarrtais aig https://www.smo.uhi.ac.uk/cothroman-obrach/

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

fios mun dreuchd F.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.