Manaidsear Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 3 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £45,449 - £54,419 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • May 14, 2025

Adhbhar na dreuchd

A bhith a’ com-pàirteachadh agus a’ toirt taic do choimhearsnachdan leis an obair a tha iad a’ dèanamh gus lìbhrigeadh mu choinneamh nan raointean prìomhachais ann am Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig. Bidh seo a’ gabhail a-steach com-pàirteachadh coimhearsnachd, obair for-ruigheachd agus conaltradh le luchd-ùidh ionadail agus nàiseanta. Bidh stiùireadh agus measadh èifeachdach air pròiseas nam planaichean coimhearsnachd ionadail na phrìomh eileamaid den dreuchd seo.

Prìomh thaobhan den dreuchd seo

  1. A’ stiùireadh agus a’ cumail taic ri cruthachadh phlanaichean Gàidhlig coimhearsnachd ionadail.
  2. A’ cruthachadh agus a’ stiùireadh co-obrachadh ro-innleachdail le com-pàirtichean bhon taobh a-muigh gus cur ri soirbheas ann an leasachadh Gàidhlig air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd.
  3. A’ cruthachadh agus a’ stiùireadh siostam measaidh do Bhòrd na Gàidhlig airson leasachadh air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd.
  4. A’ cur ri stiùireadh agus lìbhrigeadh èifeachdach phlanaichean corporra agus gnìomhach Bhòrd na Gàidhlig.

Uairean obrach: Làn-ùine

Àite: Ri aontachadh

Cùmhnant: Maireannach

Ceann-là airson iarrtasan: Diciadain, 14mh an Cèitean 2025.

Cinn-là airson agallamhan: 21mh & 22mh an Cèitean 2025.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreachd agus na dleastanasan a tha an sàs ann san tuairisgeul obrach an seo.

Lorgar Foirm-iarrtas agus Foirm-sgrùdaidh Co-ionnanachd gu h-ìosal. Airson iarrtas a chur a-steach, feumar iad seo a lìonadh a-steach agus an cur gu corporra@gaidhlig.scot.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun dhreachd, nach leig sibh fios gu corporra@gaidhlig.scot.

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.gaidhlig.scot →