Obraiche Teicneòlais

  • Làn-thìde / Full-time
  • Stornoway
  • Posted 4 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Grade B2, £22,742-£24,093 per annum
  • Cùmhnant / Contract: Full time, permanent contract
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

OBRAICHE TEICNEÒLAIS

Ìre B2, £22,742-£24,093 sa bhliadhna

Cùmhnant làn-ùine, maireannach, stèidhichte ann an Steòrnabhagh

 

Cò tha sinn a’ lorg?   

An caomh leibh a bhith ag obair ann an sgioba? Bheil ùidh agaibh ann a bhith ag obair ann an riochdachadh Tbh?  Bheil eòlas agaibh ann an gnothaichean bhideo/fuaim?

Ma tha, agus ma tha sibh math air a bhith ag obair le daoine eile, agus ag obair gu mionaideach agus ann an dòigh rianail, bhiodh ùidh againn cluinntinn bhuaibh.  Feumaidh comas a bhith agaibh sa Ghàidhlig no a bhith ga h-ionnsachadh gu dìcheallach.

 

An dreuchd

Bidh an t-Obraiche Teicneòlais ag obair mar phàirt den Sgioba Obrachaidh air gnothaichean stiùidio agus iar-riochdachaidh, an dà chuid taobh a-staigh goireasan craolaidh MG ALBA agus ag obair aig astar.  Airson a’ mhòr-chuid den t-seachdain bidh an neach a’ deasachadh agus a’ measgachadh stuthan fuaim airson stuthan taisbeanaidh na seanail.

Thèid trèanadh a thoirt seachad air pìosan sònraichte de na sruthan-obrach agus thèid dèanamh cinnteach gu bheil sibh làn-uidheamaichte an obair a choileanadh.

 

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.  Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.

 

Càite bheil sinn?

Bidh an dreuchd seo stèidhichte sna h-oifisean againn ann an Steòrnabhagh.

 

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA

·         Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile

·         Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)

·         Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach

·         Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris

·         Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh

·         Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn

 

Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca-iarrtais-obrach aig: mgalba.com/wp-content/uploads/2021/06/Obraiche-Teicneolais.pdf 

 

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 2f, Diciadain 7 Iuchar 2021 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com.  Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur cunntas-beatha agus innsibh dhuinn dè tha tarraingeach dhuibh mun dreuchd.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid aig hr@mgalba.com

Thèid agallamhan an cumail Dimàirt 27 Iuchar 2021 tro Teams.

 

 

 

 

OPERATIONS TECHNICIAN

Grade B2, £22,742-£24,093 per annum

Full time, permanent contract, based in Stornoway

 

Who are we looking for?

Are you a team player? Are you interested in working in TV production? Do you have video/audio experience?

If the answer to those questions is “yes” and if you are good at working with people, with strong attention to detail and a methodical approach to work, we would be very interested to hear from you.  You will need to have proficiency in Gaelic, or be actively learning the language.

The role

The Operations Technician will work as part of the Operations Team carrying out a range of studio and post production tasks both within the broadcast facilities at MG ALBA and on location. The majority of the working week will consist of the editing and the mixing of audio for channel presentation material.

Training will be provided on specific aspects of the workflows in place to ensure you are fully equipped to carry out your duties.

Who are we?

MG ALBA, Scotland’s Gaelic Media Service, operates the Gaelic television channel BBC ALBA in partnership with the BBC.  Our Operational Plan for 2020/21 provides important information about our aims and outcomes for this year.

Where are we?

This post is based at our offices in Stornoway.

Other interesting information about working for MG ALBA

·         Nominated as one of the best places to work in broadcasting in the UK for 5 consecutive years

·         Investors in People & Investors in Young People (Gold)

·         We offer 25 days annual leave + 12 days public holidays

·         We pay 10% to a pension scheme for you, and add 5% if you match it

·         To encourage healthy lifestyles we offer gym membership

·         We have family-friendly & flexible working practices.

 

Interested? Next Steps

Please refer to the Job Decription and Information Pack.

Formal applications should be submitted by 2pm, Wednesday 7 July 2021 to Claire Macleod, HR Advisor at hr@mgalba.com. To apply, please submit your current CV and let us know by letter what motivates and interests you about the role and working for MG ALBA.

Informal enquiries can be made to Claire Macleod, HR Advisor, hr @mgalba.com

Interviews will be held on Tuesday 27 July 2021 by Teams call.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Obraiche Teicneolais.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.