Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 3 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £36,252-£39,526
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Ìre D3, £36,252-£39,526, a’ gabhail a-steach solar peinnsein & ballrachd gym
Làn-thìde (37 uairean gach seachdain), cùmhnant stèidhichte, àite-obrach sùbailte

An Dreuchd

Is e deagh chothrom dreuchd a tha seo airson proifeiseantach aig a bheil eòlas air brannd, margaidheachd no conaltradh a thighinn cuide ris an sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean. Stèidhichte taobh a-staigh ar Sgioba Susbaint, cuiridh an neach gu mòr ri com-pàirteachadh èifeachdach de bhranndaichean susbaint MG ALBA leis na daoine agus an luchd-amhairc a thathas a’ frithealadh. Tha iad seo a’ gabhail a-steach BBC ALBA, SpeakGaelic, LearnGaelic agus FilmG.

Ma tha thu nad eòlaiche proifeasanta margaidheachd no conaltraidh, le sealladh adhartach air obair, sàr sgilean conaltraidh agus eadar-phearsanta agus ùidh san roinn craolaidh bu mhath leinn cluinntinn bhuat. Tha comas teachdaireachdan a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig riatanach. Gheibh thu làn thaic bho phlana trèanaidh coileanta agus leasachadh pearsanta is proifeasanta mar phàirt den chothrom seo.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.

Càite bheil sinn?

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Faodaidh an dreuchd seo a bhith air obrachadh gu sùbailte co-shìnte ri ar cleachdaidhean a thaobh obrachadh èasgaidh.

Nithean inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:

Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile
Creideas nar Cosnaichean (Platinum) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca-iarrtais-obrach.

Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dihaoine 7 Faoilleach 2022 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.

Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.

Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diluain 10 Faoilleach 2022.

Thèid agallamhan an cumail Diluain 17 Faoilleach 2022 tro Teams.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.