OIFIGEAR CONALTRAIDH
Faclair na Gàidhlig
’S e iomairt nàiseanta, eadar-oilthighe a tha ann am Faclair na Gàidhlig air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig – Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig – airson faclair eachdraidheil a chruthachadh do Ghàidhlig na h-Alba coltach riuthasan a tha ann mar-thà do dh’Albais agus do Bheurla. Tha an iomairt na com-pàirteachadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthighean Ghlaschu, Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Shrath Chluaidh.
Tha sinn an-dràsta a’ trusadh oifigear conaltraidh airson an sgioba aig am bi ròl cudromach ann a bhith a’ dèiligeadh ri conaltradh air an taobh a-muigh agus for-ruigheachd Fhaclair na Gàidhlig.
Bidh deagh cheum le urram agad (aig 2:1 co-dhiù) ann an Conaltradh no cuspair co-cheangailte ris, no bidh teisteanas/eòlas co-ionnan eile agad. Bidh thu comasach air obair ann an sgioba no gu neo-eisimeileach, agus bidh thu cleachdte ri obair sgrùdaidh agus ri dlùth-aire a thoirt air nithean mionaideach. Bidh eòlas agad air obair ann an eagrachadh Gàidhlig agus bidh thu sgileil an dà chuid ann an sgrìobhadh agus labhairt na Gàidhlig.
Tuarastal: £30,380 pro rata (24.5 uair a thìde gach seachdain)
Teirm: Faodar tòiseachadh sa bhad. Tha maoineachadh ri fhaotainn gu 31 Màrt 2026, agus sìneadh an crochadh air maoineachadh a bharrachd
Àite-obrach: Ri cho-rèiteachadh. Bidh feum air cuairt a thoirt bho àm gu àm gu Ionad an Fhaclair ann an Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach.
Ceann-là dùnaidh: Dimàirt 9 Sultain 2025 aig 5f.
Iarrtasan: Airson pasgan iarrtais, a’ gabhail a-steach foirm iarrtais, cuiribh fios gu Sharon Pearson, Manaidsear an Ionaid, aig sp1.smo@uhi.ac.uk
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.