Làrach-lìn / Website anlochranAn Lòchran
Tha An Lòchran an-dràsta a’ lorg Cathraiche a bhiodh ag obair gu saor-thoileach leis a’ Bhòrd-stiùiridh airson stiùir is comhairle a thoirt don oifigear-leasachaidh. Tha sgilean conaltraidh ann an Gàidhlig cudromach don dreuchd agus feumaidh an neach a shoirbhicheas a bhith èifeachdach agus eagraichte airson obair a’ bhruidhinn a chumail a’ dol.
Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus anns na h-ealain Ghàidhlig ann an Glaschu. ’S e cothrom air leth a tha seo do chuideigin gus cur ri obair Ionad Gàidhlig Ghlaschu, a tha air fhosgladh as ùire, agus àite a dhèanamh don Ionad aig teas-meadhan saoghal na Gàidhlig ann am baile-mòr nan Gàidheal.
Ma tha ùidh agaibh anns an dreuchd, no ceist sam bith agaibh mu deidhinn, nach cuir sibh post-d gu: info@anlochran.com
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.