Tha a’ bhuidheann a tha air cùl an làraich-lìn Obraichean Gàidhlig a’ dèanamh gàirdeachas ris an naidheachd gu bheil iad air taic luach £1,115 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig airson Obraichean Gàidhlig a ruith ’s a leasachadh thairis air a’ bhliadhna ri thighinn.
’S ann bhon stòras Taic Freumhan Coimhearsnachd a tha an t-ionmhas a’ tighinn agus thèid tèarainteachd an làraich a leasachadh agus thèid goireasan ùra a chur ris airson daoine a tha a’ sireadh obair agus airson fhastaichean a tha a’ sireadh luchd-obrach ùr cuideachd.
Bho thòisich Obraichean Gàidhlig san Lùnastal 2016, tha cha mhòr 200 obair air a bhith air an sanasachd air an làrach agus tha còrr ’s 1,000 duine a’ tadhal air an làrach gach mìos – agus sin a’ sealltainn gu bheil lùths anns a’ mhargaid-obrach Ghàidhlig.
Thuirt Steven Kellow bho Obraichean Gàidhlig, “Bidh sinn ag obair gu cruaidh airson leasachaidhean a dhèanamh air an làrach a dh’aithghearr gus am bi e cho ùr-nòsach ri càil eile ann am margaid-obrach na h-Alba agus cuideachd airson aithisg a chruthachadh air a’ chiad bhliadhna de Obraichean Gàidhlig, le fiosrachadh slàn air na h-obraichean a chaidh fhoillseachadh agus dè bha nan cois. Tha sinn fada an comain Bhòrd na Gàidhlig agus taingeil airson taic a h-uile duine a tha a’ tadhal oirnn.”
A’ bruidhinn às leth Bhòrd na Gàidhlig, thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd: “Tha rannsachadh air innse dhuinn cho cudromach ’s a tha cleachdadh na Gàidhlig ann an diofar roinnean-obrach – poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach – ann a bhith a neartachadh an eaconamaidh agus choimhearsnachdan. ’S e goireas air leth feumail a th’ ann an Obraichean Gàidhlig agus tha sinn gu math toilichte taic a chur ris gus ceangal soilleir agus sìmplidh a thogail eadar luchd-fastaidh agus luchd-obrach.”
Gaelic jobs website welcomes Bòrd na Gàidhlig support
The team behind the Gaelic jobs website Obraichean Gàidhlig is delighted to announce that funding of £1,115 has been received from Bòrd na Gàidhlig to manage and develop Obraichean Gàidhlig in the upcoming year.
Bòrd na Gàidhlig has funded Obraichean Gàidhlig through its Taic Freumhan Coimhearsnachd fund. Improvements to the site will include updating the site’s security and the inclusion of new features for jobseekers and employers alike.
Speaking on behalf of Obraichean Gàidhlig, Steven Kellow said, “Since Obraichean Gàidhlig launched in August 2016, almost 200 jobs have been advertised on the site and over 1,000 people per month visit the site. We will be working hard to make improvements to the site to make it state-of-the-art across the Scottish jobs industry as a whole and will publish a report on the first year of Obraichean Gàidhlig’s operations, which will include a full breakdown of the Gaelic jobs advertised, in the next few months.
“We are grateful to Bòrd na Gàidhlig for their support and would like to thank all those who have visited, and continue to visit the site, for their support.”
Speaking on behalf of Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag, Director of Language Planning and Community Developments said: “Research tells us how important jobs which use Gaelic are across different employments sectors – public, private and voluntary – in strengthening the economy and communities. Obraichean Gàidhlig is a fantastic resource that we are happy to support as it provides a clear and simple link between employers and employees.”