Làrach-lìn / Website
HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd
Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Righ
Uairean: 25 san t-seachdain
Ùine: Maireannach
Tuarastal: £12,569 – £14,053 (Gun teisteanas) £14,283 – £15,812 (Le teisteanas)
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre den bhann.
Feumaidh tagraichean a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.
Tha an dreuchd seo fo-riochdaichte am measg fhireannach. Thathar a’ brosnachadh thagraidhean bho fhireannaich.
Neach Fiosrachaidh: Flora Guidi, Tel: 01478 614770
Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh agus cùraim-chloinne a tha sùbailte agus àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga agus an teaghlaichean.
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.
Feumalachdan
Bu chòir teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam a bhith acasan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean le teisteanas. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus pàighear iad aig ìre HC0535.
Thèid iarraidh orrasan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean gun teisteanas, obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus pàighear iad aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh taobh a-staigh 6 mìosan bho bhith a’ gabhail na h-obrach no gus an tèid an clàrachadh a dhearbhadh, ge brith dè as giorra.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Job Spec Early Years Practitioner GAELIC updated May 2017.pdfQualifications for Practitioners in Day Care of Children Services 2.pdf
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.