Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £40,170 - £48,357 pro rata (£41,833 - £50,359 bho 1 Sultain 2025) (a rèir eòlais)
  • Cùmhnant / Contract: seall-ùine, an toiseach airson 12 mìos agus faodar a leudachadh mar thoradh air ath-sgrùdadh
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 0.5FTE (17.5 uairean/seachdain)

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan air cùmhnant 0.5 FTE airson co-dhiù 12 mìosan mar thoradh air ùine a tha an sgioba stèidhichte a’ cur mu choinneimh an Ionaid Shàr-mhathais ann an Teagasg. ’S e cothrom air leth a tha seo airson taic a chumail ri ginealach ùr de thidsearan ùra Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Tha eòlas air foghlam Gàidhlig, teisteanas teagaisg aig ìre bun-sgoile no àrd-sgoile agus làn-chlàradh le GTCS riatanach san dreuchd. Cuiridh an neach soirbheachail gu mòr ri teagasg agus measadh air cùrsaichean foghlaim, a’ gabhail a-steach (a rèir eòlais):

  • BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam
  • PGDE (Slighe Ghàidhlig – bun-sgoil agus àrd-sgoil)
  • MEd ann am Foghlam Gàidhlig

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte. Bu chòir deagh eòlas a bhith aig tagraichean air Foghlam Gàidhlig aig ìre sgoile agus chuireamaid fàilte gu h-àraid air iarrtasan bho thagraichean aig a bheil teisteanas aig ìre àrd-sgoile.

Tha tuilleadh fiosrachaidh agus tuairisgeul-obrach ri fhaighinn aig http://www.smo.uhi.ac.uk/obair

Faodar còmhradh neo-fhoirmeil mun obair a chumail le Shona NicCarmaig, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig snc.smo@uhi.ac.uk

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.