Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig
Thathas a’ sireadh thagraichean mu choinneimh dreuchd Òraidiche ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte. Bidh an neach soirbheachail a’ cur gu mòr ri teagasg, rannsachadh agus buaidh, a’ gabhail a-steach dealbhadh is lìbhrigeadh cùrsa aig ìre ro-Urraim, Urraim agus Maighstireachd, agus ri stiùireadh oileanaich PhD. Bu chòir PhD ann an Gàidhlig, Eòlas Ceilteach no cuspairean co-cheangailte a bhith aig tagraichean a bharrachd air foillseachaidhean aig inbhe àrd.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte agus bho raon farsaing de chuspairean spèisealta, nam measg, ach gun a bhith cuingealaichte ri:
* Cànan, dualchas is litreachas
* Cànanachas, sòiseo-cànanachas agus dealbhadh cànain
* Togail cànain, teagasg agus ionnsachadh
Faodar còmhradh neo-fhoirmeil mun obair a chumail le Mark Wringe, Stiùiriche Prògraim BA Gàidhlig aig mw.smo@uhi.ac.uk
Tha tuilleadh fiosrachaidh agus tuairisgeul-obrach ri fhaighinn aig http://www.smo.uhi.ac.uk/obair
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.