Manaidsear Òigridh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Na h-Eileanan an Iar
  • Posted 4 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £35,000
  • Cùmhnant / Contract: -
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig

‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig anns an raon às cudromaiche a th’ann am measg an òigridh –  a’ cumail taic is brosnachadh ri luchd-labhairt ùr.

Tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

B’e amasan na dreuchd –  a’ toirt taic làidir seachad gus leigeil dhan sgioba leasachaidh obrachadh gu h-èifeachdach agus an ùine is fhaide a chosg ag obair leis an òigridh, agus gus a bhith cìnnteach gum bheil an obair òigridh a’ leantainn gu cunbhalach agus aig an ìre às àirde anns gach sgìre tha feum air stiùireadh èifeachdach, ùr-ghnàthach agus sùbailte. ‘Se stiùireadh agus taic dha na h-oifigearan òigridh ionadail (“na h-oifigearan Iomairt”) aonan de na prìomh amasan mu choinneamh na dreuchdan ùr seo.

Tha CnaG cuideachd an sàs,  ann a bhith a’ cruthachadh “ro-ìnnleachd òigridh na Gàidhlig”. Bìdh againn ri obair ann an compàirteachas ri iomadh buidheann mar phàirt den phròiseas seo, agus tha e na phrìomh amas eile dhan dreuchd seo a bhith gu mòr an sàs anns an obair chudromach a tha seo.

‘S e cothrom air leth  inntinneach agus dùbhlanach a tha seo do neach dealasach is èasgaidh gus taic a chumail ris an sgioba leasachaidh agus ri structar ChnaG, ach cuideachd leis an ro-ìnnleachd òigridh ùr, a bhith an sàs ann an leasachadh a tha air leth cudromach dhan an iomairt chànain air fad. Tha sinn a’ lorg neach le misneachd làidir phearsanta, ùidh mhòr ann an obair òigridh agus aig am bheil lèirsinn adhartach airson obair leasachaidh na Gàidhlig. Bidh an dreuchd a’ crochadh air clàradh soirbheachail le sgeama ‘PVG’ – gach cùid ùrachadh, no clàradh às ùr, a rèir na bhiodh a dhìth.

Ma tha ùidh agaibh san dreuchd, gheibh sibh foirm iarrtais air an duilleag seo agus faodaidh sibh sin a thilleadh gu marina@cnag.org ron an 12mh Faoilleach. Cha ghabh ri thagraidhean gun foirm iarrtais air a lìonadh.

‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte aig CnaG, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.

Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.